Muinntir Fhlòdaigearraidh airson am baile a cheannach

Flòdaigearraidh Image copyright Dave Fergusson / Geograph
Image caption 'S ann leis an Riaghaltas a tha am fearann an-dràsta, agus thathas an dùil gu bheil cha-mhòr a h-uile duine sa bhaile airson a cheannach.

Tha muinntir Fhlòdaigearraidh a' coimhead ris am baile a cheannach dhan choimhearsnachd.

Tha Urras a' bhaile den bheachd gu bheil taic làidir san sgìre air a shon.

Thathas mu thràth ag obair air pìos fearainn fhaighinn 'son talla coimhearsnachd a thogail, ach tha plana nas fharsainge na sin ann a-nis.

"Tha sia bliadhna o thòisich sinn air smaointinn mu dheidhinn togalaich, chan ann a-mhàin airson Flòdaigearraidh, ach airson sgìre Thròndarnais uile gu lèir, thuirt Màiread NicNeacail, a tha na ball den Urras.

Uachdaran

"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ris a' choimhearsnachd aig diofar amannan agus a' feuchainn ri innse dhaibh dè tha nar barail, agus ag iarraidh bheachdan orrasan cuideachd.

"Tha sinn am beachd diofar rudan a dhèanamh leis an togalach.

"Aon bhuidhinn leis a bheil sinn am beachd a bhith ag obrachadh 's e Fèis Thròndarnais.

"Aig an àm seo tha sinn a' cleachdadh Bun-sgoil Stafainn airson na Fèise, ach tha an Fhèis againn a' fàs ro mhòr airson a cumail anns an sgoil.

"Tha sinn a' coimhead airson àite a chosgas a' choimhearsnachd iad fhèin cuideachd, agus 's dòcha buidhnean a' tighinn a-steach.

"Tha sinn an dòchas gum bi e na ionad 's dòcha a chleachdas daoine airson bhainnsean no cuirmean no gnothaichean mar sin.

"Aig an ìre seo tha sinn cha-mhòr air cead fhaighinn an talamh a bhith againn.

"Tha na croitearan ann am Flòdaigearraidh air pìos talmhainn a thoirt dhuinn, tha sinn air prìs fhaighinn airson sin, agus an ath-cheum a bhios againn 's ann a thig cuideigin on Riaghaltas an ath-sheachdain a thomhas na talmhainn airson a dhèanamh cinnteach nach eil sinn ag iarraidh no a' dol a chosg barrachd na thathar a' toirt dhuinn cead.

"On a bhith ag obair air an togalach, thòisich sinn a' smaointinn, mar chroitearan, gur dòcha gum biodh e gu math feumail am baile fhèin a cheannach on oighreachd.

"Agus 's e an Riaghaltas an t-uachdaran a th' againn an-dràsta.

"Le bhith ag èisteachd ris na naidheachdan tuigidh daoine gu bheil an Riaghaltas gu math deònach a bhith a' reic an cuid talmhainn ri buidhnean a tha deònach sin a dhèanamh.

"Tha sinn a' smaointinn an ìre mhath gu bheil a h-uile duine air a shon, ged a tha aon duine no dithis 's dòcha air beagan cheistean a chur oirnn o chionn beagan làithean.

"Ach tha sinn an dòchas gun tèid againn air freagairtean fhaighinn dha na daoine sin dha na ceistean a th' aca.

"Ach chan eil sinn ach aig toiseach-tòiseachaidh an-dràsta. Tha sinn an dòchas gum bi an togalach againn mus bi am fearann againn," thuirt i.