Ministear a dhìth air Eaglais Shaor Steòrnabhaigh

An t-Urr. Ìomhair Màrtainn Image copyright Picasa
Image caption Tha dùil gum fàg Mgr Màrtainn Steòrnabhagh ro dheireadh an t-samhraidh

Tha ministear ùr gu bhith a dhìth air Eaglais Shaor Steòrnabhaigh 's an t-Urr. Ìomhair Màrtainn a' dol na Phrionnsabal làn-ùine air Seminary Diadhaireachd Dhùn Èideann.

Tha Mgr Màrtainn air a bhith na Phrionnsabal pàirt-ùine air a' cholaiste bho chionn dà bhliadhna ach bidh e a-nis a' dèanamh a dhachaigh ann an Dùn Èideann.

Bidh iar-mhinistear a' chothionail, an t-Urr. Coinneach I. MacLeòid, a' cumail air na obair le dùil gun teid Modaràtair eadar-amail ainmeachadh aig an ath-choinneimh de chlèir nan Eilean Siar.

Tha cothional ùr na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh, a dhealaich bhon Àrd-Eaglais ann an Steòrnabhagh an lùib na connspaid mu mhinistearan gèidh, cuideachd às aonais mhinisteir.

"Toilichte"

Tha Mgr Màrtainn, a tha 57, air a bhith na mhinistear ann an Steòrnabhagh bho chionn 12 bliadhna, às dèidh dha 6 bliadhna a chur seachad ann an Obar Dheathain.

Bha e roimhe na iar-mhinistear air cothional Shràid Choinnich ann an Steòrnabhagh.

Às dèidh dà bhliadhna na Phrionnsabal pàirt-ùine air an t-seminary thuirt e nach robh e comasach dha cumail air leis an dà obair.

"Cha b' urrainn dhomh an dà nì a dhèanamh nas fhaide - dh'fheumadh an Àrd-Sheanadh tighinn gu co-dhùnadh dè an dòigh anns an deadh iad," thuirt e.

Thuirt e gun robh e air a bhith gu math toilichte ann an Steòrnabhagh agus gum biodh e ag ionndrainn a' chothionail gu mòr.

Tha dùil gum fàg e Steòrnabhagh ro dheireadh an t-Samhraidh ged nach deach ceann-là a stèidheachadh fhathast.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile