Sgrùdadh air taic do mhinistearan sgoile le Gàidhlig

Seòmar an Àrd-Sheanaidh
Image caption Tha Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba ga chumail ann an Dùn Èideann.

Nì Eaglais na h-Alba sgrùdadh air mar as urrainn dhaibh ministearan a tha a' dol a-steach a sgoiltean le roinnean Gàidhlig a chuideachadh.

Bhòt an t-Àrd-Sheanadh airson goireasan agus trèanadh a leudachadh agus iarrtas ann cuideachd 'son ministearan a chuideachadh gu fileantas sa Ghàidhlig.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e naidheachd mhath a th' ann, agus càil sam bith a tha a' dol a thoirt cothrom do mhinistear a dhol a-steach do sgoil airson a bhith ag obair còmhla ris a' chloinn, 's a bhith a' brosnachadh a' chànain agus a' chreideimh, tha mise ag aontachadh le seo," thuirt an t-Urr. Iain Murchadh Dòmhnallach air fear de sheaplainean Sgoil Lionail ann an Leòdhas.

"Feumaidh sinne mar mhinistearan cuimhneachadh gur e cothrom math agus urram a th' ann a bhith a' faighinn a-steach fiù 's do sgoiltean," thuirt e.

Tha Mgr Dòmhnallach den bheachd gum biodh taic do mhinistearan le an cuid Gàidhlig na chuideachadh mòr, agus cleachdadh a' chànain mar mheadhan searmonachaidh a' crìonadh gu mòr.

"'S e dìth misneachd saoilidh mi. 'S dòcha gu bheil sinn a' feumachdainn rud a bheir misneachadh dhuinn uaireannan a bhith a' dol a-steach do sgoiltean agus a' bruidhinn barrachd ann an Gàidhlig," thuirt e.

"Bhon, tha feadhainn de na ministearan cleachdte gu leòr ri bhith a' searmonachadh ann an Gàidhlig - ach chan e an aon rud a th' ann idir a bhith a' dol a-steach a bhruidhinn ri cloinn ann an Gàidhlig.

"Tha mise a' faicinn atharrachaidh mhòir a' tighinn a thaobh na Gàidhlig anns an Eaglais.

"Tha mi an-dràsta ann an sgìre Nis, agus cha-mhòr nach eil Gàidhlig air a dhol a-mach à bith anns an eaglais an seo gu mì-fhortannach.

"Ach ma tha a' Ghàidhlig gu bhith idir beò, 's ann ann an coimhearsnachdan Gàidhlig a bhitheas i beò.

"Bha an Eaglais a-riamh a' toirt taic dhan Ghàidhlig anns a' choimhearsnachd agus anns an Eaglais fhèin.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum an Eaglais a bhith a' dèanamh na 's urrainn dhi a bhith a' cuideachadh na cloinne agus nan sgoiltean tro dhòigh sam bith as urrainn dhuinn," thuirt e.