Alt-aiseig Ulapuil
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cidhe Ulapuil deiseil

19 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha an t-seirbheis aiseig eadar Steòrnabhagh agus Ulapul a' giulain charbadan a-rithist.

Cha robh carbadan air na seòlaidhean fad ceithir seachdainnean fhad 's a bha alt-aiseig ùr ga chur an sàs ann an Ulapul.

Bha aig dràibhearan ri dhol air seirbheisean a chaidh a chur air dòigh a dh'aona-ghnothach a dh'Ùige san Eilean Sgitheanach.

Tha mòran a' gabhail ris gum bi an t-alt-aiseig ùr na bhuannachd, ach ghearain tòrr nach deach co-chomhairleachadh gu leòr a dhèanamh ro làimh, agus mun bhuaidh air turasachd fhad 's a bha an obair ga dèanamh.

Tha tuilleadh aig Ruairidh Rothach.