Plèana a' laighe an èiginn an Steòrnabhagh
- Air fhoillseachadh
Thàinig air itealan beag le dithis air bòrd laighe ann an èiginn aig Port-Adhair Steòrnabhaigh Là na Sàbaid ri linn trioblaid le tè de na h-einnseannan.
Bha an Cessna a' falbh o Inbhir Ùige gu Innis Tìle nuair a dh'èirich an trioblaid.
Chaidh sgiobannan smàlaidh à Steòrnabhagh agus Siabost, na Poilis, Maoir-Chladaich Steòrnabhaigh, an RNLI agus carbad-eiridinn a ghairm.
Laigh am plèana gu sàbhailte aig 7:15f. Cha deach duine sam bith a ghoirteachadh.
Bha an A866 eadar Steòrnabhagh agus an Rubha dùinte greis.