Cidhe Ulapuil fosgailte a-rithist

Ulapul Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Chaidh an t-seirbheis do charbadan a ghluasad gu Ùige an Eilein Sgitheanaich fad mìos.

Thèid Cidhe Ulapuil fhosgladh as ùr do charbadan Diluain.

Chaidh a dhùnadh airson ceithir seachdainnean fhad 's a bha alt-aiseag ùr ga chur a-steach.

Dh'fhàg an obair-leasachaidh nach robh e comasach ach do luchd-coiseachd siubhal eadar Ulapul agus Steòrnabhagh air an Isle of Lewis airson mìos.

Tron àm seo chaidh carbadan agus bathair a ghiùlain eadar Ùige an Eilein Sgitheanaich agus Stèornabhagh.

Thuirt Cal Mac gun deach crìoch a chur air an obair air a' chidhe ann an Ulapul nuair a bha dùil, agus gum bi e a-niste comasach do bharrachd bhàtaichean tighinn a-steach chun a' chidhe.

Chaidh an obair a mhaoineachadh le Urras Chala Ulapuil agus Còmhdhail na h-Alba.

'S urrainn dhan MV Loch Seaforth a niste tòiseachadh air an làn-sheirbheis eadar Steòrnabhagh agus Ulapul gach cuid do luchd-siubhail agus do luchd-bathair.