Beachdaichidh comhairlichean mu Sgoil-àraich Bhun-sgoil Ulapuil

Bun-sgoil Ulapuil Image copyright Geograph/Colin Smith
Image caption Tha pàrantan air a bhith a' gearain mun sgoil airson dà bhliadhna.

Beachdachaidh comhairlichean air a' Ghaidhealtachd an ath-sheachdain mu na tha fa-near do Sgoil-àraich Bhun-sgoil Ulapuil, is luchd-iomairt ag iarraidh togalaich ùir air a son.

Tha pàrantan air a bhith ag iomairt airson dà bhliadhna a-nis agus dragh orra mun dampachd a th' anns an togalach portacabin anns am bi a' chlann.

Tha còrr air 40 duine cloinne, eadar ceithir agus a còig bliadhna de dh'aois, a' frithealadh na sgoil-àraich.

Tha pàrantan air a bhith ag iarraidh gun deadh sgoil-àraich ùr fhosgladh air sgàth na dampachd.

Tha cuid ag ràdh gu bheil iad cho draghail 's gun toir iad an cuid chloinne a mach às an sgoil-àraich mura dèilig an t-ùghdarras ionadail ris.

Tha an comhairlaiche Iain Cockburn a' cur taic ris an iomairt 's e ag ràdh gum bi esan a' putadh airson togalach ùr airson na sgoil-àraich.

Thèid a' chùis a dheasbad aig comataidh foghlaim na Comhairle Diciadain seo tighinn.