A' feitheamh gus am faic iad

Cha do chuir na thuirt Nicola Sturgeon aig Holyrood an-dè iongnadh air duine sam bith.

Chan fhaca mi an liosta ceannachd ro làimh.

Ach bha na cumhachdan ùra a dh'iarr i ann an dubh is geal air duileagan manifesto an SNP.

A bharrachd air na tha a' tighinn gu Holyrood mar thoradh air proiseas Chomisein Mhic a' Ghobhainn, dh'innis am prìomh mhinistear gun robh sreath de chumachdan ùra a dhìth air Alba.

Nam measg bha smachd air a' bhun-thuarasdal, an àireachas nàiseanta, cìsean gnìomhachais, sochairean sòisealta agus polasaidh co-ionnanachd.

Às dèidh don SNP taic mhòr fhaighinn airson an liosta sin an t-seachdain a chaidh nach feum Dàibhidh Camshron gabhail ris?

Coire

Tha cuid de Thòraidhean air a bhith a' moladh gum bu chòir fada a bharrachd chumhachdan a thoirt do dh'Alba - a' dol faisg air Devo Max - mar fheagairt do na thachair aig an taghadh.

An uair sin, canaidh iad, dh'fheumadh Holyrood dleastanas a ghabhail airson an t-airgead a chosgas i.

Agus - nas tarraingiche buileach do luchd an Aonaidh - 's dòcha gum biodh aig an SNP cuid dhen choire a ghabhail airson cho-dhunaidhean doirbhe air cosgaisean poblach.

Ach is follaiseach, nach eil Mgr Camshron air an aon rabh.

Mar sin, chan eil dùil agam ri gluasad mòr bhon phrìomhaire nuair a choinnicheas e ri Nicola Sturgeon ann an Dùn Èideann a-màireach.

An àite sin, feuchaidh i ris an uallach a chur air ais air an SNP.

"Gun fheum"

Tha dùil gun dearbh Mgr Camshron gum bi bile gus cumhachdan ùra a thoirt do Holyrood anns an Òraid a bheir a' Bhanrìgh seachad an ceann cola-deug.

Bidh sin stèidhichte air molaidhean Choimisein Mhic a' Ghobhainn.

An-diugh thuirt Comataidh an fhèin-riaghladh aig Holyrood nach robh an dreach dhen bhile a chaidh fhoillseachadh ron taghadh gu feum sam bith.

Ach 's e plana an riaghaltais ùir aig Westminster Bile na h-Alba fhoillseachadh agus an uair sin iarraidh air a' bhuidhinn nàiseantaich anns na Cumantan feuchainn ri atharrachadh anns a' phàrlamaid air an dòigh àbhaistich.

A dh'aindeoin cho mòr is a tha a' bhuidheann, chan urrainn dhaibh sin a dhèanamh gun taic bho phàrtaidhean eile.

Agus, le mòrchuid aig Dàibhidh Camshron rud sam bith nach toil leotha a dhiùltadh.

Cunnart

Tha Àireamh a Deich a' tomhas nach bi Nicola Sturgeon airson darna reifreann a ghairm ma tha cunnart ann gun cailleadh i e.

Mar a chuireadh e le aon neach air Sràid Dhowning, b' e siud a' chairt as fheàrr nan làimh.

Mar sin, ged a fhuair an SNP 50% dhen bhòt aig an taghadh - agus 95% de na suidheachain - fhad 's nach eil mòrchuid de dh'Albannaich a' cur taic ri neo-eisimeileachd, chan eil iad a' faicinn adhbhar mòr airson tòrr a thabhainn.

A dh'aindeoin sin, tha Mgr Camshron airson sealtainn gu bheil e airson riaghladh le urram agus 's ann air sgàth sin gum bi e a' dol air an itealan gus tadhail a dhèanamh air a' phrìomh mhinistear a-màireach.

Tha luchd an SNP an seo a' creidsinn gur e mearachd a bhiodh ann do Mhgr Camshron gun chàil a thabhainn.

Ach mura h-urrainn dhaibh uallach a chur air, tha an dòchas gu fàs an t-uallach airson neo-eisimeileachd aig an taigh.