Baileat Stailce aig Cal Mac

Bàt-aiseig Image copyright Richard Sowersby
Image caption Chaidh an RMT às àicheadh na casaid gun do thog iad cuid de na gearainean le Cal Mac son a' chiad uair an t-seachdan seo.

Thèid baileat stailc a chumail am measg luchd-obrach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn a th' ann an Aonadh an RMT.

Dh'innis an RMT oidhche Chiadain gu bheil an càirdeas ri Cal Mac air a dhol bhuaithe chun na h-ìre seo.

Thuirt iad nach d' fhuair iad gealltanasan mar a bha iad ag iarraidh air grunn chuspairean - obraichean, cùmhnantan, peinnseanan, agus na tha an dàn do shlighean aiseig riatanach.

Thuirt an t-aonadh nach robh dol às aca ach baileat a chur air dòigh air sgàth na "mì-chinnt" a th' ann.

Thuirt fear-labhairt bho Chal Mac gur e briseadh dùil a th' ann dhaibh leis nach deach a' mhòr-chuid de na cuspairean seo a thogail leotha ro thoiseach na seachdain seo.

Thuirt iad gu bheil iad tuilleadh is toilichte a dhol an sàs ann an còmhraidhean, ach gu bheil e ro thràth, nam beachdsan, bruidhinn mu stailc.

Thuirt iad nam biodh stailc ann, gun dèanadh iad an dìcheall a' bhuaidh air coimhearsnachdan a lùghdachadh.

Chaidh an RMT às àicheadh na casaid gun do thog iad cuid de na gearainean le Cal Mac son a' chiad uair an t-seachdan seo.