Beachdan gan sireadh mu sheirbheisean aiseig
- Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh aiseig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' gabhail cuairt air feadh a' chosta an iar 's iad a' sireadh bheachdan mu na seirbheisean aca agus mar a ghabhas piseach a thoirt orra.
Cumaidh iad 24 coinneamh phoblach ann am puirt air Tìr-Mòr, le còrr is dusan eile anns na h-eileanan.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gur e seo an co-chomhairleachadh as motha a rinn iad bho fhuair iad cùmhnant nan seirbheisean aiseig ann an 2007.
'S ann ann an 2016 a thig an cùmhnant sin gu ceann.
Tha am pròiseas mar-thà air tòiseachadh airson taghadh cò gheibh an ath-chùmhnant, a mhaireas ochd bliadhna.
"Strì làidir"
Thuirt Àrd-Oifigear Chal Mac, Màrtainn Dorchester, gum biodh iad a' dèanamh strì làidir airson an cùmhnant a ghlèidheadh, agus gur e sin a tha a' toirt orra beachdan iarraidh bho luchd-cleachdaidh nan seirbheisean leis gur iad an fheadhainn as eòlaiche orra.
Bheir na beachdan a chluinneas iad, thuirt e, buaidh air an tagradh a chuireas iad a-steach airson na seirbheisean a ruith.
Bidh a' chiad choinneamh aca ann an Colbhasa air an 18mh là den Chèitean, leis a' chuairt a' crìochnachadh anns na h-Eileanan Beaga air a' 5mh là den Òg-mhìos,