Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neapàl

Bhuail crith-thalmhainn eile air Neapàl anns a' mhadainn an-diugh dìreach mìos an dèidh na crith-talmhainn anns an do chaill còrr is 8,000 duine am beatha. Bha meadhan na crith seo, a thomhais aig 7.4, mu 50 mìle an ear air a' phrìomh bhaile Katmandu, agus chaidh a faireachadh cuideachd thar na crìche sa phrìomh bhaile sna h-Ìnnseachan, Delhi. Chaidh ceathrar co-dhiù a mharbhadh ann an Neapàl, agus dithis anns na h-Ìnnseachan.

Westminster

Tha Caibineat ùr an Riaghaltais ann an Westminster a' coinneachadh airson a' chiad uair an-diugh. Seo a' chaid chaibineat làn Tòraidheach bho chionn 18 bliadhna. Cumaidh buidheann ùr an SNP aig Westminster a' chiad choinneamh Phàrlamaid acasan an-diugh, le dùil gun tagh iad Aonghas Robasdan, Ball-Pàrlamaid Mhoireibh, a-rithist mar cheannard.

A' Bhruiseal

Tha an Seansalair, Seòras Osborne, anns a' Bhruiseil aig coinneimh nam ministearan ionmhais Eòrpach. 'S ann mun eaconamaidh a tha a' choinneamh, ach thuirt Mgr Osborne gu bheil e an dùil cuideachd bruidhinn air càirdeas Bhreatainn ris an Aonadh Eòrpach.

Ar n-Eileanan Ri Teachd

Tha an iomairt Ar n-Eileanan Ri Teachd ag iarraidh chòmhraidhean ris an Riaghaltas ùr ann an Lunnainn 's iad a' coimhead ri gluasad air adhart le am plana airson tuilleadh chumhachdan dha na h-ùghdarrasan Eileanach. Tha iad ag ràdh cuideachd gun gabh iad brath air cothrom sam bith a gheibh iad le suidheachadh ùr Westminster airson cumhachdan a bharrachd iarraidh air na bha deasbad gu ruige seo.

Nursaichean

Thuirt a' bhuidheann as motha a tha a' fastadh nursaichean ann an Alba nach eil nursaichean gu leòr ann airson na th' ann de dh'obair. Tha ScotNursing ag ràdh nach urrainn dhaibh lìonadh ach mu 40% de na sioftaichean-obrach. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad air gluasad mar thà airson taic a chumail ri nursaichean agus airson tuilleadh nursaichean a chur a dh'obair anns an NHS.

Bealadair

Rinn teine droch mhilleadh air seann togalach rèile eachdraidheil ann am Bealadair ann an siorrachd Obar Dheathain. Bha 50 de luchd-smàlaidh a' strì ris an teine aig an t-seann stèisean rèile rìoghail. Chaidh droch mhilleadh a dhèanamh air taigh-bìdh, taigh-tasgaidh agus bùth san togalach, ach cha deach duine a ghoirteachadh.