Ceannard ùr air Nàiseantaich Chomhairle na Gàidhealtachd

Maxine Nic a' Ghobhainn Image copyright Ewen Weatherspoon
Image caption Gabhaidh Maxine Nic a' Ghobhainn àite Drew Hendry mar Cheannard air buill Nàiseantach Chomhairle na Gàidhealtachd.

Dhearbh buidheann an SNP air Comhairle na Gàidhealtachd gun do thagh iad an Comh. Maxine Nic a' Ghobhainn mar cheannard ùr na buidhne.

Bha i roimhe air a bhith os cionn buidseat na Comhairle.

Gabhaidh i àite Drew Hendry a chaidh a thaghadh an t-seachdain a chaidh mar Bhall-Pàrlamaid ùr airson Inbhir Nis, Inbhir Narann, Bàideanach is Srath Spè.

Tha dùil cuideachd gur i Maxine Nic a' Ghobhainn an ath-cheannard a bhios air Comhairle na Gàidhealtachd, ged nach tèid sin a dhearbhadh gus an coinnich an Làn-Chomhairle an ath-mhìos.

'S e Ridseard Laird, a tha na chomhairliche airson Meadhan Inbhir Nis, Leas-Cheannard ùr na buidhne SNP.

"Dùbhlan"

Thuirt an Comh. Nic a' Ghobhainn gun robh i a' coimhead air adhart ris na tha roimhpe.

Thuirt i gun robh làn-fhios aice mun t-suidheachadh ionmhais anns a bheil a' Chomhairle, agus coltas ann gum bi tuilleadh ghearraidhean air fàire.

'S e seirbheisean a chumail aig ìre, le nas lugha airgid ga chosg orra, an dùbhlan a tha romhpa, thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile