BBC Naidheachdan

Uardan fhathast dùinte san Ràthaig Mhòir

Published
image captionSeo an dàrna turas a chaidh uardan a dhùnadh san ospadal am-bliadhna.
Tha NHS na Gàidhealtachd fhathast a' strì gus smachd fhaighinn air a' ghalair Noro-bhìoras aig a' phrìomh ospadal aca.
Tha an galair a' toirt buaidh air trì uardan aig Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis an-dràsta.
Tha Uard 7C dùinte do dh'euslaintich ùra 's an galair air nochdadh air euslainteach an sin an t-seachdian a chaidh.
Chaidh seòmar anns a bheil sia leapannan ann an Uard 5C a dhùnadh thar an deireadh-sheachdain ri linn 's gun do nochd ceithir cùisean ùra den ghalair.
Tha cùis eile cuideachd ann an uard 6C air seòmar eile a dhùnadh an sin.
Seo an dàrna turas a chaidh uardan a dhùnadh san ospadal am-bliadhna.