Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

na Bhòta

Tha ceannardan poileataigeach am measg na th' air a bhith a' bhòtadh anns na taghadh choitcheann an-diugh. Dh'fhosgail na stèiseanan-bhòtaidh aig 07:00m, agus dùinidh iad aig 10:00f, ged a bhios cothrom aig daoine bhòtadh às dèidh sin ma tha iad air a bhith a' feitheamh ann an ciù airson faighinn a-steach. Tha dùil gun tòisich toradh na bhòta a' tighinn a-steach mu mheadhan-oidhche.

Tubaist-rathaid

Chaidh aon duine a mharbhadh ann an tubaist-rathaid air an A9 ann an Siorrachd Pheairt. Thachair an tubaist mu 02:30m an-diugh nuair a bhuail càr agus làraidh a bha a' giùlain uisge-bheatha ri chèile faisg air Blàr Athall. Tha gach taobh den rathad dùinte agus tha càraichean gan cur tro Bhlàr Athall fhèin airson an làrach a sheachnadh. Tha na Poilis ag ràdh gu bheil e coltach gum bi an A9 dùinte airson greis fhathast fhad 's a tha iad a' rannsachadh dè a dh'adhbharaich an tubaist.

Banca Dhail Chluaidh

Dh'fhoillsich Banca Nàiseanta Astràilia plana airson Banca Dhail Chluaidh a chur bhuapa agus a chur air margaidh nan earrainnean. Tha na h-Astràilianaich, a cheannaich Banca Dhail chluaidh o chionn 20 bliadhna an dùil gum bi iad a' faighinn cuidhteas den bhanca Albannach uile gu lèir ro dheireadh na bliadhna.

Hatton Gardens

Coinnichidh feadhainn a chaill airgead agus seudraidh ann am mèirle Hatton Gardens ann an Lunnainn an-diugh, a bheachdachadh air dè mar a thèid aca air cuid den bheartas a chaill iad fhaighinn air ais. Tha na Poilis ag ràdh gun deach 72 ciste-tasgaidh a chreachadh thairis air deireadh-sheachdain na Càisge. Tha iad a' dèanamh dheth gun d' fhuair na mèirlich air falbh le stuth luach nam milleanan notaichean.

BT

Thuirt BT gun do rinn iad prothaid ro chìsean de £2.6bn sa bhliadhna-ionmhais a dh'fhalbh. Sin àrdachadh de 14%. Thairis air a' bhliadhna tha BT air ùrachadh a dhèanamh air na còirichean aca airson a bhith a' craoladh gheamaichean ann am prìomh lìog Shasainn, agus tha iad air oidhirp a dhèanamh tilleadh air ais gu margaidh nam fònaichean-làimhe le a bhith a' tagradh airson na companaidh EE a cheannach.

An Lusitania

Chaidh blàth-leasgan a chur dhan mhuir far chosta na h-Èireann far an deach an long-siubhail Bhreatannach an Lusitania fodha o chionn 100 bliadhna. Chaidh a tolladh le torpedo à bàta-aigeann Gearmailteach 's i a' seòladh à New York gu Liverpool. Bhàsaich timcheall air 1,200 anns an tubaist.