Aonta pàighidh am measg luchd-tèarainteachd HIAL

Raon-laighe Inbhir Nis Image copyright John Allan / Geograph
Image caption Bha luchd-obrach tèarainteachd aig Port-adhair Inbhir Nis am measg na bha air stailc sa Ghiblean.

Dh'aontaich luchd-obrach tèarainteachd aig puirt adhair na Gàidhealtachd snan eilean a thighinn gu aonta mu chumhnantan obrach.

Chaidh buill an aonaidh Prospect a bha nan luchd-obrach aig AMSL, a tha a-nis mar phàirt de Puirt-adhair na Gàidhealtachd snan Eilean (HIAL), air stailc 48 uairean a thìde air a' mhìos a chaidh.

Bha iad ag iarraidh an aon ìre pàighidh sa bh'aig luchd-obrach a' phuirt-adhair ann an Sealtainn, a tha air tuarastal nas fheàrr.

Bhot 95% de bhuill an aonaidh gabhail ris an tairgse as ùra.

Thuirt HIAL gur e naidheachd mhath a bha seo dha luchd-obrach agus dha luchd-siubhail agus gum b'urra dhaibh a-nis an aire a chuir air a bhith a' brosnachadh barrachd dhaoine a bhith a'cleachdadh a' phuirt-adhair tro mhìosan an t-samhraidh.

Tha Prospect ag ràdh gu bheil iad air an dòigh gun deach a' chùis a rèiteach agus gum bi na buill aca a-nis co-ionnan ri an co-obraichean aig HIAL.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile