Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Cèitean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Taghagh

Le nas lugha na dà latha chun an taghaidh choitcheinn tha na ceannardan poileataigeach air a bhith a-muigh a' feuchainn ri buaidh a thoirt air bhòtairean a tha fhathast gun co-dhunadh a dhèanamh. Tha Nicola Sturgeon air rabhadh a thoirt gum biodh riaghaltas ùr nach robh a' toirt feairt do ghuth Alba mi-dhligheach. Tha na Lib Deamaich ag ràdh gun adhbhraichean an SNP troimh chèile aig Westminster, le na Tòraidhean a' cumail a-mach gur iad an aon phàrtaidh ann an Alba a tha fhathast a' seasamh airson an Aonaidh. Canaidh Jim Murphy nach fhulaing Alba còig bliadhna eile dhe na Tòraidhean.

Binn prìosain

Chaidh binn do chorr is dusan bliadhna sa phriosan a chuir air draibhear a mharbh nighean òg ann an tubaist rathaid ann an Glaschu, agus nach do sguir às dèidh dha a leagail. Bha Crìsdean Hannah air aideachadh ron a seo gu do dh'adhbhraich e bàs Sophie Brannan le coire ann an sgìre Chnoc Màiri den bhaile san t-Samhainn an-uiridh. Thuirt am britheamh sa chùis nach fhaigh teaghlach Sophie, a bha aon bliadhna deug, thairis air a bàs gu siorraidh.

Casaidean moirt

Chaidh dithis a chuir an grèim ann an Sasainn fo amharas gun do mhort iad balach òg ann an Huddersfield bho chionn ochd bliadhna deug. Bhàsaich Joe McCafferty, a bha seachd bliadhna dh'aois, an uair a chaidh teine a chuir ri taigh piuthar a' mhathair. Thuirt poilis Yorkshire an Iar gu bheil iad air fireannach, aois trì fichead 'sa còig agus boireannach aois trì fichead bliadhna a dh'aois a chuir an grèim.

Rotherham

Chaidh dà aithisg air mar a chaidh ionnsaighean drabasta a thoirt air clann ann an Rotherham fhoillseachadh gu poblach. Tha iad a' sealltainn gun deach rabhadh a thoirt do dh'ùghdarasanan a' bhaile mu bhuidhnean do dhrabastairean chloinne, bliadhnaichean mas an do rinn na poilis dad mun deidhinn. Thuirt Comhairle Rotherham, a tha a-niste ga ruith le coimiseanairean a chaidh an ainmeachadh leis an riaghaltas, gu bheil e air faileachdainn orra dèanamh a-mach cò dha a chaidh na rabhaidhean sin a chuir neo cuin a chaidh am faighinn.

HSBC

Thuirt am banca is motha ann am Breatann, HSBC, gur ma dh'fhaoide gun co-dhùin iad ro dheireadh na bliadhna a bheil iad a' dol a ghluasad na prìomh oifisean aca à Lunnain gu Hong Kong. Nan tachradh sin, tha am banca ag ràdh nach deidh ach dà cheud gu leth obraichean a ghluasad dha Oirthir.

Ionnsaigh ghunna

Bhàsaich fireannach ann an ionnsaigh ghunna ann am meadhan Bheul Feirste. Chaidh losgadh air an duine mu naoi uairean sa mhadainn ann an sgìre nam margaidhean den bhaile. Cha deach ainm an duine a leigeil ma sgaoil, ach tha e air a thuigsinn gun robh e na phoblachdach ainmeal, agus aig aon am gun robh ceangalan air a bhi aige leis an IRA.

Stàit Islamach

Agus thuirt an Stàit Islamach gur e iadsan a bh'air cùl na h-ionnsaigh air ionad coimhearsnachd ann an Texas a bha a' taisbeanadh dhealbhan den fhàidh Mohammed. A' bruidhean air stèisean reidio na buidhne, Al-Bayan, dh'ainmich fear-labhairt an dithis luchd-gunna mar "shaighdearan a' Chaliphate", agus thug e rabhadh gun tèid tuilleadh ionnsaighean a thoirt air na Stàitean Aonaichte. Tha poilis ann an Texas air an dithis luchd-gunna a chaidh a mharbhadh san ionnsaigh ainmeachadh mar Nadir Soofi agus Elton Simpson. Tha e air thuigsinn gun robh an FBI air sgrùdadh a dhèanamh air Simpson ron a seo, agus iad an amharas gun robh e airson a dhol an luib buidhean radaigeach ann an Somalia.