Air ais don sgoil
Niall O'Gallagher
Fear-naidheachd poileataigeach
@BBCNiallOGon Twitter
- Air fhoillseachadh
- comments
- Comments
Dè thachras mura bi mòr-chuid ann?
O chionn beagan bhliadhnaichean - uill, beagan a bharrachd na sin - rinn mi poileataigs mar phàirt dhen cheum agam aig Oilthigh Ghlaschu.
Chan eil bunreachd na Rìoghachd Aonaichte sgrìobhte ann an aon àite.
Ach tha sreath de laghan agus cleachdaidhean a dh'innseas dhuinn ciamar a thèid riaghaltas a thaghadh.
A rèir nan cunntasan-bheachd, cha choltach gum bi prìomhaire ùr againn madainn Dihaoine.
Ach mura h-eil mòrchuid aig pàrtaidh sam bith, dè thachras an uair sin?
Chaidh mi air ais don sgoil gus faighinn a-mach.