Ceannard ùr làn-ùine aig BSGI

Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
Image caption Tha an sgoil air a bhith ùine mhòr gun cheannard làn-ùine a bha fileanta sa Ghàidhlig.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air ceannard ùr làn-ùine fhastadh do Bhun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis.

Bho chionn ùine tha an dreuchd air na h-uimhir de thrioblaid agus connspaid a dhèanamh dhan Chomhairle.

Tha Barabal Nic a' Ghobhainn fileanta sa chànan, agus i an-dràsta a' teagaisg ann am Bun-Sgoil an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach.

Bha i roimhe na ceannard eadar-amail air Bun-Sgoil Shlèite, agus choisinn i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail.