Càrlabhagh leis na daoine

Dùn Chàrlabhaigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tòisichidh oifigear leasachaidh ag obair a dh'aithghearr feuch pròiseactan a chur air adhart a nì airgead don Urras.

Gheibh muinntir Oighreachd Chàrlabhaigh ann an Leòdhas smachd air an fhearann Dihaoine.

Tha còrr air 11,000 acair san oighreachd air taobh siar an eilein.

Tha an t-uachdaran air a bhith deònach a reic ris a' choimhearsnachd, 's thathas a-nis a' beachdachadh air mar a ghabhas leasachaidhean ùra a chur an sàs ann.

"Tha a h-uile càil air a dhol uabhasach math dhuinn," thuirt Coinneach MacIllInnein, a tha na bhall de dh'Urras Oighreachd Chàrlabhaigh.

Leasachadh

"Tha sinn air a bhith trì bliadhna ag obair air, a' feuchainn ri ruighinn na h-ìre seo.

"Ri linn gun robh an t-uachdaran a bh' ann airson an oighreachd a reic rinn, bha sinn toilichte gu leòr rannsachadh a dhèanamh feuch dè mar a dheadh dhuinn.

"'S tha sinn a-nis air a thighinn chun na h-ìre far an d' fhuair sinn an t-airgead airson an oighreachd a cheannach, agus tha a h-uile càil air a dhol troimhe.

"'S e uallach a th' ann, agus tha fiù an obair a chaidh a dhèanamh anns an trì bliadhna a chaidh, bha uallach ann an sin fhèin bhon chiad là a chaidh sinn a-mach a dh'fhaighinn beachd na coimhearsnachd.

"'S ann an-dràsta a tha an obair a' dol a thòiseachadh.

"Tha sinn air oifigear leasachaidh a chur air bhonn, a tha a' tòiseachadh ann an dà mhìos, agus bidh an neach a tha sin a' coimhead ri rudan a chur air adhart anns an oighreachd.

"Tha sinne an-dràsta ann an suidheachadh far a bheil oighreachd againn air nach eil fiachan sam bith, agus far a bheil beagan airgid a' tighinn a-steach.

"Dh'fhaodadh sinn dìreach suidhe sìos gun càil a dhèanamh - ach chan eil mi a' smaoineachadh gur e sin an dòigh air adhart idir.

"Tha sinn air a thighinn bho ìre far an robh oighreachd againn le deagh uachdaran - cha robh trioblaid sam bith againn leotha, agus bha an teaghlach Galloway air a bhith garbh math dhuinne.

Daoine òga

"Agus tha iad air a bhith garbh math dhuinn tron phròiseas a tha seo far an deach sinn air adhart leis an oighreachd a cheannach.

"Ach mar a bha na h-oighreachdan sin bho thùs, nuair a bha iad le uachdaran prìobhaideach, tha e garbh duilich dha na daoine sin rudan a chur air adhart mura bheil iad a' cur an airgid aca fhèin ann an leasachadh.

"Ach tha sinne a-nis ann an suidheachadh far a bheil e comasach dhuinn airgead poblach fhaighinn.

"Agus feumaidh sinn an uair sin a bhith a' dol a-mach a dh'fhaicinn dè na leasachaidhean a tha an sluagh ag iarraidh - chan e dè na leasachaidhean a tha sinne mar bhuidhinn-stiùiridh ag iarraidh - ach dè tha an sluagh anns an oighreachd ag iarraidh," thuirt e.

Tha Mgr MacIllinnein cuideachd gu math dòchasach mun àm ri teachd don oighreachd, agus daoine òga na sgìre gun an cùl a chur rithe.

"Tha sinn air a bhith uabhasach math leis na daoine òga againn," thuirt e.

"Tha iad a' falbh airson foghlaim an dèidh an àrd-sgoil a chrìochnachadh.

"Ach tha tòrr mòr aca air a thighinn air ais, 's tha iad air taighean a thogail air croitean, 's tha iad mar phàirt den choimhearsnachd, 's ag obair anns a' choimhearsnachd, 's ag obair 's dòcha an Steòrnabhagh 's a' tighinn air ais, agus tha ùidh aca anns an rud a tha a' tachairt - tha mi den bheachd co-dhiù," thuirt e.