HIAL a' soirbheachadh

HIAL
Image caption Tha na h-uimhir de sheirbheisean ùra aig Port-Adhair Inbhir Nis, far an robh an t-àrdachadh as motha.

Thuirt Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) gu bheil a' bhliadhna seo air tòiseachadh gu math dhaibh, 8.7% a bharrachd de luchd-siubhail aca sa chiad chairteal den bhliadhna.

Eadar am Faoilleach agus am Màrt am-bliadhna, tha figearan HIAL a' sealltainn gun deach 314,136 duine tro na puirt-adhair aca.

Bha gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail a' fàgail gum faca port-adhair Inbhir Ùige àrdachadh 64.5% anns na bh' aca de luchd-siubhail.

B' ann an Inbhir Nis a bu mhotha a bha an t-àrdachadh ge-tà, le seirbheisean ùra gu ruige Geneva agus Baile Átha Cliath - agus tro Bhaile Átha Cliath gu ruige nan Stàitean Aonaichte - agus plèanaichean nas motha air slighe Mhanchester.

Thàl seirbheis ùr eadar Gatwick agus Zurich barrachd dhaoine gu slighean eadar Inbhir Nis agus Gatwick.

Dh'fhàg sin gun robh 29,000 a bharrachd de luchd-siubhail a' cleachdadh Puirt-adhair Inbhir Nis.

Thuit àireamhan aig Barraigh, Ceann-Loch Chille Chiarain, Circeabhal agus Tiriodh ri linn droch aimsire toiseach na bliadhna.

Chunnacas àrdachadh cuideachd ge-tà, aig Steòrnabhagh, Beinn nam Fadhla, agus Ìle.