Coinneamh mun Fhadhail a Deas
- Air fhoillseachadh

Chuala coinneamh phoblach san Iochdar oidhche Chiadain gur dòcha gum bi e an urra ris a' choimhearsnachd fhèin c`uisean a chur air dòigh 'son leasachadh a dhèanamh air cabhsair na Fadhla a Deas eadar Beinn nam Fadhla agus Uibhist a Deas.
Chaidh a' choinneamh a chur air dòigh agus mì-thoileachas ann gun do cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar leasachadh a dhèanamh air Eilean a' Ghualainn, an àite fosgladh ùr a chur dhan chabhsair, leis gum biodh sin na bu choltaiche taic an Riaghaltais fhaighinn.
Cha robh an Comh. Raghnall MacFhionghainn idir riaraichte le mar a chaidh a' choinneamh.
"Cha chuala mi sion a chòrd rium, agus tha mi mionaichte às nach do chòrd e ris na daoine bochd," thuirt e.
Lùghdachadh
"Bha dùil agam gum biodh rudeigin ann a dhearg iad a chur air aghaidh, ach chan fhaca mise sion.
"Dh'fhaodadh gum faigh iad air an £2m fhaighinn, mholainn-sa sa dhèidh, an uair sin falbh agus dèan cinnteach gun dearg iad an t-airgead sin a ghluasad o Eilean a' Ghualainn, a-steach los gun dearg iad air drochaid dhòigheil - an rud a tha na daoine ag iarraidh - a dhèanamh.
"Chan e sin a tha mi a' cluinntinn a-nochd, 's chan eil mi toilichte idir mu dheidhinn," thuirt e.
'S e Stiùiriche Sheirbhisean Teicnigeach na Comhairle, Iain MacFhionnghain, a bha an urra ris a' choinneimh.
Ghabh e ris nach e freagairt coileanta a th' ann am planaichean na Comhairle airson Eilean a' Ghualainn, ach thuirt e gu bheil a' Chomhairle a' feuchainn ris a' chunnart bho stoirm leithid na tè mairbhtich a bh' ann bho chionn deich bliadhna, a lùghdachadh.
"Saoilidh mi gun do dh'aithnich daoine a-nochd nach cuir na molaidhean a th' againn airson Eilein a' Ghualainn às buileach don chunnart gum bi tuiltean ann ma thig stoirm eile den leithid san àm ri teachd," thuirt e.
"'S e na tha sinne a' feuchainn ri dhèanamh, sin a dhèanamh nas ao-coltaiche, agus a' bhuaidh a bheir leithid de stoirm sin air an àite a lùghdachadh."
Cho-dhùin a' choinneamh ge-tà, gun cuireadh a' Chomhairle litir mun chabhsair chun an Riaghaltais, às leth na coimhearsnachd.