Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Tha am Pàrtaidh Tòraidheach ag ràdh gun cuireadh iad lagh ùr an sàs a bhiodh a' gealltainn nach biodh àrdachadh sam bith air cìs teachd-a-steach, VAT, no àrachas nàiseanta airson còig bliadhna. Tha na Làbaraich ag ràdh nach eil an sin ach poileasaidh ann an èiginn air a' mhionaid mu dheireadh.

Truailleadh Adhair

Chaidh òrdan a thoirt don ath-riaghaltas anns an Rìoghachd Aonaichte gluasad ro dheireadh na bliadhna mu thruailleadh anns an adhair. Chuir Prìomh Chùirt na Dùthcha taic ri luchd-iomairt a tha ag ràdh gu bheil Breatainn a' briseadh lagh na h-Eòrpa air ìre nitrogen dioxide anns na bailtean mòra. Thuirt an Riaghaltas gu bheil Breatainn a' cumail ri cha-mhòr a h-uile lagh Eòrpach mu thruailleadh.

Trident

Thuirt buidheann de sheann cheannardan airm gur e "gòraiche gun chùram" a bhiodh ann gun ùrachadh a thoirt air siostam dìon niuclasach na Rìoghachd Aonaichte. Ann an litir san Times tha iad ag ràdh gun dèanadh e cunnart mòr do Bhreatainn cur às dha na ceithir bàtaichean-aigeann Trident. Tha na Tòraidhean, na Làbaraich, agus na Libearalaich Dheamocratach ag iarraidh Trident a ghlèidheadh. Tha Ceannard an SNP, Nicola Sturgeon, ag ràdh gum biodh e nas fheàrr an t-airgead a chosg air slàinte, cùram-cloinne agus foghlam, seach air armachd niuclasaich.

Dìon na Frainge

Cuiridh an Fhraing cha-mhòr £3bn a bharrachd ri buidseat dìon na dùthcha air an ath-cheithir bliadhna an dèidh na ceannairc an am Paras anns an Fhaoilleach, agus thèid cur gu mòr cuideachd ri tèarainteachd aig làraichean sònraichte air feadh na dùthcha.

Càball a' Chuain Sgìth

Tha Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar am measg na chuir fàilte air gealltanas na companaidh Scottish Hydro Electric Transmission gun cuir iad càball-dealain ùr eadar na h-Eileanan agus Tìr-Mòr ro 2021. Bha an Comh. Aonghas Caimbeul air a bith a' càineadh na companaidh SHETL ron a seo mu dhàil anns a' phròiseact, Ged a tha cead a dhìth bho Ofgem an toiseach, tha SHETL an dòchas tòiseachadh air an obair ann an 2017.

Coimisean na Croitearachd

Chaidh iarraidh air Ministear Àrainneachd na h-Alba, Aileen NicLeòid, bhòt earbsa a chumail ann an Neach-Gairm Choimisein na Croitearachd, Susan Walker. Chuir còignear de naoinear bhall a' Choimisein an ainm ris an litir sin. Chuir Riaghaltas na h-Alba Susan Walker dhan dreuchd ged a bha ballrachd a' Choimisein ag iarraidh a' chumhachd sin dhaibh fhèin. Thagh croitearan sianar de na buill, agus thagh an Riaghaltas an triùir eile. Tha trì seachdainnean a-niste aig a' Mhinistear airson coinneamh shònraichte a ghairm.

Baile an Fhàin

Bhuail làraidh a bha a' giùlain fiodha ann an taigh aig Baile an Fhàin faisg air Druim na Drochaid sa mhadainn an-diugh nuair a chaidh i far an rathaid. Ged a chaidh dràibhear na làraidh a ghearradh mu a pheirceall cha deach a dhroch leòn anns an tubaist, a thachair mu 08:00m.