Rabhadh à Muile do Chal Mac

Aiseag Mhuile Image copyright David Dixon / Geograph
Image caption Tha beachd ann am Muile nach eil na daoine a' faighinn cothrom na Fèinne a thaobh aiseagan dhan eilean.

Thug comhairliche ann am Muile rabhadh do Chaledonian Mac a' Bhriuthainn a bhith faiceallach nach eil iad a' toirt prìomhachais do luchd-turais an àite seirbheisean riatanach a chumail ri muinntir an àite.

Chuir Màiri Sìne Devon an dragh an cèill às dèidh do Mhuile a bhith an ìre mhath gann de chonnadh na bu tràithe air a' mhìos nuair nach d' fhuair tancair connaidh air an aiseag.

Ged a bha ticead air a chur air dòigh dhan tancair air a' bhàta ro-làimhe, cha robh àite ann dha is buidheann mhòr de luchd-turais cuideachd air àite a ghlèidheadh.

Tric

A rèir a' Chomh. Devon, tha an leithid a' dol air adhart ro thric.

"Tha deagh fhios agam gu bheil an eaconamaidh againn an seo a' crochadh gu mòr air turasachd, 's e an fhìrinn a tha sin.

"S ann a tha daoine a-niste a' faighneachd ge-tà, dè a' phrìs a th' ann airson sin?

"Tha e coltach gu bheil turasachd a' dol na prìomhachas air thoiseach air seirbheisean a tha riatanach dhuinn.

"S e seirbheisean aiseig fìor chudromach a tha seo do mhuinntir an àite gus an obair làitheil a dhèanamh, mar eisimpleir gus dèanamh cinnteach gu bheil connadh ann 'son an cuid chàraichean.

Draghan

"Tha draghan mun seo anns an eilean an-dràsta", thuirt i.

Thuirt Caledonian Mac a' Bhriuthainn gu bheil iad duilich airson trioblaid sam bith a dh'èirich is gu bheil iad a' rannsachadh ciamar a chaidh an aon àite air an aiseag a reic dà thuras.

Dh'innis an Comh. Devon nach eil na Muilich buileach riaraichte leis an fhreagairt sin is gu bheil iad a' sireadh chòmhraidhean a bharrachd ri Cal Mac.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile