Ospadal an Ràthaig Mhòir fosgailte

Ospadal an Ràthaig Mhòir
Image caption Tha ceithir uardan aig Ospadal an Ràthaig Mhòir fhathast dùinte do dh'euslaintaich ùra.

Chaidh Ospadal an Ràthaig Mhòir an Inbhir Nis fhosgladh às ùr do luchd-tadhail.

Chuir Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd casg air luchd-tadhail bhon ospadal buileach Dihaoine is an galar Noro-Bhìoras ma sgaoil ann.

Thàinig an galar air timcheall air 30 euslainteach is tha uardan 7C, 5C, 3A is 2C fhathast dùinte do dh'euslaintaich ùra.

Cead

Thuirt am Bòrd Slàinte nach bu chòir do dhaoine tadhal air na uardan sin fhathast gun chead bho luchd-obrach an toiseach.

Tha an còrr den ospadal fosgailte ach thug am Bòrd Slàinte rabhadh seachad gu bheil Noro-Bhìoras fhathast gu math bitheanta sa choimhearsnachd.

Dh'iarr iad air daoine fuireach air falbh ma bha iad fhèin no cuideigin a tha a' fuireach còmhla riutha air a bhith a' dìobhairt no leis a' bhuinnich san dà là a chaidh seachad.