Cal Mac a' cur £270m ris an eaconamaidh
- Air fhoillseachadh

Sheall rannsachadh air buaidh eaconamach Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn gu bheil a' chompanaidh a' cur cha-mhòr £270m ris na tha companaidhean eile a' ddèanamh de dh'airgead.
Sheall e cuideachd gun do chuir oifis na companaidh ann an Guireag £9m ri eaconamaidh na sgìre.
Tha an rannsachadh ag ràdh gur e Cal Mac, le cha-mhòr 15,000 luchd-obrach, tè de na companaidhean as motha aig a bheil prìomh oifisean stèidhichte ann an Alba.
Tha an rannsachadh cuideachd ag ràdh gu bheil a' phrìomh oifis aca a' cur còrr air £9m ri eaconamaidh Inbhir Chluaidh.
Tha iomairt air a bhith a' dol anns na h-Eileanan Siar airson na prìomh oifisean, neo pàirt den obair, a gluasad an sin.
Thuirt fear de chomhairlichean Uibhist, Uisdean Robasdan, gu bheil feumalachdan nas motha anns an sgìre a thaobh obraichean, agus eaconamaidh nan Eilean Siar a' crochadh barrachd air seirbheisean aiseig.
Tha 184 luchd-obrach a' faighinn cosnadh bho Chal Mac anns na h-Eileanan Siar, far a bheil iad a' faighinn £5m ann an tuarastal uile gu lèir.