Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neapàl

Thuirt na h-ùghdarrasan ann an Neapàl gu bheil dearbhadh ann a-niste gun do chaill còrr is 3,600 am beatha sa chrith-thalmhainn Disathairne. Tha an àireamh a' sìor-èirigh, agus dragh ann gu h-àraid nach eil dealbh shoilleir ann fhathast air na thachair anns na sgìrean as iomallaiche faisg air meadhan na crith-talmhainn air nach do ràinig na buidhnean cobhair fhathast. Agus tha heileacoptairean a' dèanamh cobhair air luchd-sreap a tha glacte an dèidh mhaoimtean-sneachda aig a' phrìomh champa aig bonn Beinn Ebherest.

Iomairt an Taghaidh

Thòisich an t-seachdain shlàn mu dheireadh ann an iomairt an taghaidh leis an SNP a' gealltainn gum biodh iad a' riochdachadh na Rìoghachd Aonaichte gu lèir ann an Westminster. Thuirt Ed Balls aig na Làbaraich gur e roghainn soilleir a th' anns an taghadh eadar slighe dhan dàrna referendum leis an SNP, no eaconamaidh nas cothromaiche leis na Làbaraich. Canaidh an t-seann Cheannard Lib-Deamach, Teàrlach Ceanadach, an-diugh gum faod daoine bhòtadh airson eaconamaidh sheasmhaich leis a' phàrtaidh aigesan, agus tha na Tòraidhean an Alba ag ràdh gun cuireadh iad tuilleadh airgid ri cùram chloinne.

Thuirt a' chiad Chathraiche a bh' air an OBR - an oifis air a bheil dleastanas airson buidseat - nach eil manifestothan nam prìomh phàrtaidhean idir follaiseach gu leòr. Thuirt Sir Allan Budd gun deach luchd-bhòtaidh fhàgail anns an dorchadas leis nach eil fiosrachadh gu leòr anns na manifestothan mun dòigh anns am pàigheadh na pàrtaidhean airson na tha iad a' gealltainn. Thuirt e gu bheil na pàrtaidhean ag ràdh gun tog iad na billeanan not le bhith a' tighinn cruaidh air feadhainn a tha a' seachnadh chìsean, ach nach do dh'innis iad ciamar dìreach a nì iad sin.

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Coinnichidh Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd an-diugh airson co-dhùnadh air am fuirich Ospadal an Ràthaig Mhòir dùinte do luchd-tadhail. Chaidh casg a chur air luchd-tadhail le còrr is 30 cùis de Noro-Bhìoras ann an diofar uardan. Cha tàinig an galar air a' chòrr de na h-euslaintich bho Dhihaoine seo chaidh, 's am Bòrd Slàinte a' coinneachadh an-diugh a bheachdachadh às ùr air an t-suidheachadh.

Sgoil na h-Àirde

Cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar gur e leagail an rud as fheàrr a ghabhas dèanamh le seann bhun-sgoil na h-Àirde san Rubha, an dèidh do stoirm aig toiseach na bliadhna milleadh mòr a dhèanamh air an togalach. Nì sin duilgheadas do dh'Fhèill Àiteachais an Rubha, a bhios a' cleachdadh na sgoile 's an fhearainn mun cuairt oirre. Tha e a' ciallachadh gum bi fèill na bliadhna seo beagan nas lugha na an àbhaist.