Casg fhathast aig an Ràthaig Mhòr

Noro-Bhìoras
Image caption Chaidh ceithir uardan san ospadal a dhùnadh do dh'euslaintich ùra.

Tha luchd-tadhail fhathast air an casg bho Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis is an galar Noro-Bhìoras ma sgaoil ann.

Beachdaichidh ceannardan NHS na Gàidhealtachd air a' ghnothach aig coinneimh Diluain, feuch a bheil e sàbhailte an casg a thogail.

Chaidh ceithir uardan aig Ospadal an Ràthaig Mhòir a dhùnadh do dh'euslaintich ùra, is timcheall air 30 duine annta a' fulang le Noro-Bhìoras.

Dh'innis NHS na Gàidhealtachd oidhche Haoine gun robh iad a' casg luchd-tadhail bhon ospadal buileach ann an oidhirp smachd fhaighinn air a' ghnothach.

Thuirt iad gu bheil Noro-Bhìoras bitheanta anns a' choimhearsnachd an-dràsta.

Thathas a' tuigsinn nach do nochd cùisean ùra den ghalar anns an ospadal bho Dhihaoine.

Tuilleadh air an sgeulachd seo