Sgitheanaich troimhe

Caman is ball
Image caption Bha na Sgitheanaich ro mhath dhan Ghearasdan ann am Port Rìgh Disathairne.

'S ann am Port Rìgh a bhios iar-chuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais eadar Camanachd an Eilein Sgitheanaich is Gleann Urchadain is Comann na Camanachd air an co-dhùnadh a ruighinn le a bhith a' tilgeil buinn Diluain.

'S ann air an 23mh den Chèitean a bhios an geama.

Thèid an geama eile eadar Bail' Ùr an t-Slèibh is Cill Mhàillidh no Ceann Loch Seile air adhart air an 16mh den Chèitean ann an Caol a' Ghearasdain air neo sa Chlachan Aillseach.

Aig deas 's ann an Inbhir Aora a bhios iar-chuairt dheireannach a' Chupa Cheiltich eadar Inbhir Aora is Caol Bhòid.

'S ann aig Pàirc Mossfield is a bhios an geama eile eadar Camanachd an Òbain is Celtic an Òbain, is an dà gheama ann air an 16mh den Chèitean.

Adhartas

Rinn na Sgitheanaich adhartas ann an Cupa MhicThàmhais air an deireadh-sheachdain nuair a chuir iad An Gearasdan bhon Phrìomh Lìog a-mach.

Thòisich na h-eileanaich gu làidir le tadhal tràth sa gheama bho Choinneach Caimbeul.

Dh'fhuirich cùisean mar sin gu deich mionaidean a-steach air an dàrna leth nuair a chuir Eoghann Caimbeul am ball dhan lìon dhan Ghearasdan às dèidh do dh'Iain MacLeòid eadar na puist dha na Sgitheanaich stad a chur air oidhirp bho Arran Mac a' Phì.

Chum na Sgitheanaich a' dol ge-tà, is le còig mionaidean air fhàgail chuir Jordan MacCalmain am ball dhan lìon is sgioba an eilein troimhe dhan iar-chuairt dheireannaich.

Ann an Cupa na Camanachd air an deireadh-sheachdain chaidh a' Mhanachainn air adhart às dèidh dhaibh buannachadh 3-2 an aghaidh Chill Mhàillidh.

Thàinig an tadhal cudromach anns na diogan mu dheireadh bho Jack Dòmhnallach is a' Mhanachainn a' soirbheachadh a dh'aindeoin is gun robh iad sìos gu 11 agus Cill Mhàillidh air tilleadh bho 0-2 gu 2-2.

Sa Phrìomh Lìog chaidh Bail' Ùr an t-Slèibh dhan mhullach às dèidh dhaibh an gnothach a dhèanamh air Inbhir Aora 4-1.

Goirteachadh

Chaidh balaich Earra-Ghàidheal air thoiseach tràth tro Chrìsdean Crawford ach chaidh Crawford dheth an uair sin is e air a làmh a ghoirteachadh.

Chuir Glen Mac an Tòisich dà thadhal ro letheach-ùine, is dhà às a dhèidh is am Bail' Ùr a' leum gu mullach na lìge.

Chaill Ceann Loch Seile 'son a' chiad uair am-bliadhna, Savio Genini a' cur dà tadhal san dà mhionaid mu dheireadh gus an geama a thionndadh is na puingean a ghlèidheadh do Cheann a' Ghiuthsaich 3-2.

Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog bha tadhal bho Fhriseal Heath gu lèor do Ghleann Urchadain an aghaidh Chamanachd an Òbain.

Ann an Lìog Tuath 2 chaill dàrna sgioba nan Sgitheanach 'son a' chiad uair am-bliadhna is Cill Mhàillidh a' glèidheadh 2-0 nan aghaidh ann an Caol a' Ghearasdain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile