Bùth na Comraich
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sia bliadhna de bhùth na Comraich

24 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha bùth air a' Chomraich a' comharrachadh sia bliadhna de sheirbheis dhan choimhearsnachd ann an tè de na sgìrean as iomallaiche an Alba.

Tha Alasdair agus Seonag Brown cuideachd air duais fhaighinn airson na bùtha, a tha a' reic cha-mhòr a h-uile rud air a bheil muinntir na sgìre a' cur feum.

Mura biodh iad air a' bhùth a ghabhail os làimh cha bhiodh bùth na b' fhaisge na Loch Carrann, còrr is 20 mìle air falbh.

Tha Pàdraig MacAmhlaidh ag aithris.