Drochaid a bu chòir, seach fosgladh

An Fhadhail a Deas Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Iarraidh Comhairle nan Eilean Siar £1m a bharrachd air an Riaghaltas airson fosgladh eile a chur sa chabhsair.

Tha tè a bha iomadh bhliadhna a' riochdachadh sgìre Uibhist a Deas mar chomhairliche ionadail den bheachd gur e drochaid a bu chòir a dhol an àite cabhsair air an Fhadhail a Deas.

Dh'aontaich comhairlichean an t-seachdain seo chaidh £1m iarraidh air an Riaghaltas airson fosgladh eile a chur ann.

Tha seo a dh'aindeoin 's gun do mhol Comataidh Còmhdhail is Bun-Structair an ùghdarrais Eilean a' Ghualainn a thogail suas, an àite fosgladh a bharrachd a chur sa chabhsair.

"Chanainn-sa co-dhiù gu bheil suas ri £20m agad mun cuir thu fosgladh anns a' chabhsair a tha sin," thuirt Màiri Bremner.

"Chanainn-sa gur e drochaid ùr a bu chòir a dhol ann, anns a' chiad dol-a-mach.

"Dìreach drochaid ùr, agus an rud a dhèanamh ceart, agus an rud a dhèanamh mar a chaidh a shoilleireachadh dhaibh nuair a bhathar a' dealbhachadh a' chabhsair a th' ann an-dràsta.

"Chanainn-sa, leis a' bheagan eòlais a th' agam, gum biodh e na bu shaoire air a' cheann mu dheireadh, an rud a dhèanamh ceart, mar a chaidh iarraidh anns a' chiad dol-a-mach. An rud a dhealbhachadh o thùs, agus a dhèanamh mar a bha muinntir an àite a' soilleireachadh dhaibh," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo