Slaic air rathaidean na Gàidhealtachd

Toll
Image caption 'S tric a chluinnear càineadh an-dràsta mu staid rathaidean na Gàidhealtachd.

Chaidh càineadh a dhèanamh air rathaidean na Gàidhealtachd le comhairliche ag ràdh gu bheil iad cho dona ri feadhainn ann an cuid de na dùthchannan as bochda san t-saoghal.

Chruinnich comhairlichean an Eilein Sgitheanaich, Rois agus Chrombaidh Diciadain gus deasbad mar a chosgadh iad am buidseat 'son nan rathaidean.

Dh'aontaich iad air a' cheann thall an t-airgead a chosg air an obair-càraidh as fheumaiche a dhèanamh air na rathaidean.

Thuirt an Comh. Audrey Nic na Ceàrdaich ge-tà, nach e co-dhùnadh furasta a bha sin fhèin is iomadh rathad feumach air leasachadh.

"Bha sinn a' bruidhinn air dè na pìosan rathaid a bu chòir a chàradh ach chan eil mòran airgid againn 'son a h-uile pìos, mar sin feumaidh sinn taghadh nam pìosan as miosa.

Duilich

"Tha mi a' faireachdain duilich mun sin oir tha mi cinnteach ann am bliadhna no dhà gum bi barrachd is barrachd de na rathaidean a' dol nas miosa", thuirt i.

Dh'innis an Comh. Nic na Ceàrdaich gun robh daoine air gearain rithe tric is gu bheil i den bheachd gu bheil cuid de na rathaidean a-nise cho bochd ri feadhainn ann an dùthchannan glè bhochd.

Dh'aidich i gun robh co-dhùnaidhean glè dhoirbh aig a' Chomhairle an-dràsta a thaobh is mar a chosgas iad am buidseat.

Thuirt i ge-tà, gu bheil na rathaidan fìor chudromach is gum feum mòran a bharrachd a chosg air na rathaidean.

"Nuair nach eil rathad ann, cha bhi dad sam bith a' tachairt, cha bhi duine a' gluasad", thuirt i.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile