Bristeadh dùil mu bhann-leathann

Chuala buill Chomhairle nan Eilean Siar nach fhaigh ach beagan is dà thrian - 69% - de dhachannan nan eilean bann-leathann an ath-ghinealaich a tha Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' cur an sàs.

Fàgaidh seo na h-Eileanan Siar air dheireadh air a h-uile àite eile am Breatainn.

Tha dòchas ann gun tig còrr's £40m not bho Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na Rioghachd Aonaichte airson cùisean a leasachadh.

As aonais, bidh suidheachadh nan eilean truagh an rèir Chathraiche Comataidh a' Leasachaidh Mhaireannaich, Alasdair MacLeòid.

Thuirt e: "Chan e a-mhàin gu bheil daoine a' gearain mu dheidhinn nuair a tha thu ag iarradh ceangail ris an eadar-lìon, ach tha e a' cur bacadh air gnìomhachasan anns na h-eileanan.

"Tha e a' ciallachadh gu bheil sinn air dheireadh ann an iomadach dòigh mur a h-eil bann-leathann luath againn anns an là a th' ann an-diugh."