Aonta mu Mhachaire Shànais

Machaire Shànais Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha an làrach air a' gheàrr-liosta airson a' chiad phort-fànais choimearsalta ann am Breatainn.

Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ri plana ro-innleachd leasachaidh airson seann ionad Feachd an Adhair ann am Machaire Shànais a leasachadh.

'S ann le Companaidh Coimhearsnachd Ionad-adhair Mhachaire Shànais a tha an làrach an-dràsta, an dèidh dhaibh a ceannach o chionn trì bliadhna.

Chuir Cathraiche na buidhne, Jim Martin, fàilte air an naidheachd, agus thuirt e gum faodadh iad a-niste tòiseachadh air oidhirpean luchd-in-ionmhais a thàladh chun na làraich.

Tha Machaire Shànais air geàrr-liosta Riaghaltas Bhreatainn airson port-fànais coimearsalta a th' aca san amharc - a' chiad fhear san dùthaich.