Mì-thoileachas mu mholaidhean uardan comhairle

Comhairle nan Eilean Siar
Image caption Tha ceathrar bhall a' riochdachadh gach uard a th' anns na h-Eileanan Siar fon t-siostam a th' ann an-dràsta.

Tha mòran chomhairlichean anns na h-Eileanan Siar mì-thoilichte leis na molaidhean a nochd bho Choimisean nan Crìochan airson crìochan nan sgìrean aca atharrachadh.

Dh'aontaich iad àireamh nan ball a ghearradh bho 31 gu 26, ach tha iad ag ràdh gum bi molaidhean a' choimisein gam fàgail le sgìrean a tha ro fharsainn.

Mar eisimpleir, dheadh na riochdairean airson Barraigh, Bhatarsaigh, Èirisgeigh is Uibhist a Deas a ghearradh bho cheathrar gu triùir.

"Tha mi leigte gu leòr ris a' bheachd gum biodh e ceart an àireamh chomhairlichean a th' anns a' Chomhairle a ghearradh sìos," thuirt fear de bhuill na sgìre, Dòmhnall Manford.

Uardan

"Chan eil duilgheadas sam bith agam le sin.

"Tha duilgheadas mòr agam le coimhearsnachdan - mar eisimpleir eilean air leth - ma dh'fhaoidte gun tig an là gum biodh eilean agus gun chomhairliche idir aca ann an Steòrnabhagh a bha stèidhichte anns an eilean sin.

"Tha mi a' smaointinn air leithid Bharraigh agus Bhatarsaigh, a th' air a ghearradh air ais gu dithis, an uair sin gu aonar. Tha barrachd chothrom ann nuair a tha ceathrar chomhairlichean anns na aon uard a' toirt a-steach Uibhist a Deas, Èirisgeigh, Barraigh agus Bhatarsaigh.

"Nuair a tha thu a' gearradh sin sìos gu triùir, tha barrachd is barrachd chunnart ann nach biodh comhairliche idir idir airson Barraigh is Bhararsaigh stèidhichte san eilean.

"Ma tha thu ag ràdh gur e comhairle ionadail a th' ann, agus gu bheil e a' dol a bhith a' riochdachadh an àite gu h-ionadail, chan eil e ciallach, nam bheachd-sa, a bhith a' smaointinn gun urrainn dhut a bhith nad chomhairliche ionadail, gun a bhith a' fuireach anns an eilean a tha thu a' riochdachadh.

"Air neo co-dhiù an t-eilean a bhith air a riochdachadh e cuideigin às a' choimhearsnachd. Agus mura bheil sin ann, chan e comhairle ionadail a th' ann," thuirt e.

Bhiodh dragh air Mgr Manford gur dòcha gum bi sgìrean comhairle ro mhòr airson comhairlichean a bhith gan riochdachadh gu ceart.

"Chan eil mi idir a' smaoineachadh gu bheil sgìre ro mhòr ma tha cothrom agad faighinn thuca anns an aon là," thuirt e.

"'S e mo bheachd fhèin, ma tha thu a' dol a bhith nad chomhairliche ceart ann an sgìre gum feum an cothrom a bhith agad a bhith a' dol gu coinneamhan sòisealta anns a' choimhearsnachd fhèin.

"Chan eil cothrom agad sin a dhèanamh mura faigh thu dha d' dhachaigh fhèin air an oidhche, agus gum feum thu fuireach air falbh o d' dhachaigh.

"Ma dh'fheumas tu fuireach air falbh o d' dhachaigh, chan eil thu sa choimhearsnachd. Sin mo bheachd-sa.

"Agus chan urrainn dhut a bhith nad stiùiriche airson na coimhearsnachd mura bheil thu anns a' choimhearsnachd.

"Tha e follaiseach gu bheil leithid Bharraigh is Bhatarsaigh air am putadh nas fhaide 's nas fhaide air falbh o Chomhairle nan Eilean Siar, agus tha an là a' tighinn ma dh'fhaoidte nach biodh fiù 's comhairliche aca.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil sin a' tighinn gu staid gu math gu math uabhasach," thuirt e.

Ionadail

Tha cuid a' cur air adhart beachd gum bu chòir na comhairlean Eileanach ann an Alba tilleadh gu siostam far an robh aon bhall an a' riochdachadh gach uard. Tha Mgr Manford teagmhach mu dheidhinn sin.

"Tha argamaid ann airson sin, ach an toiseach feumaidh sinn cuimhneachadh an adhbhair gun tàinig an t-seòrsa bhòtaidh a th' ann a-steach - a chùm 's gum biodh barrachd agus aon fhear ann," thuirt e.

"Airson gum biodh cothrom aig duine sam bith, nach fheumadh iad a dhol chun an aon bhuill, ach gum biodh cothrom aca a dhol gu diofar bhall.

"Ghabhadh sin dèanamh furasta gu leòr anns na h-Eileanan againne a ghearradh sìos o thrì gu dhà, agus sin far am b' fheàrr leamsa e a dhol.

"Chan ann dhomhsa a tha e. Chan ann dhuinne a tha e, ach dè mar a dh'fhàgas sinn e às ar dèidh.

"Agus nuair a choimheadas tu mar Eilean Bharraigh agus Bhatarsaigh, 's urrainn dhuinn a dhol chun na Pàrlamaid nàiseanta againn ann an dà uair de thìde.

"Bheir e sia uairean de thìde faighinn dhan Phàrlamaid ionadail againn.

"Dè tha ionadail mu dheidhinn sin?" thuirt e.