Ministearan gèidh pòsta gan deasbad

Seòmraichean an Àrd-Sheanaidh
Image caption Bhòt clèirean cead a thoirt do dhaoine ann an com-pàirteachasan sìobhalta, seach pòsaidhean gèidh, a bhith nam ministearan an-uiridh.

Thèid iarraidh air buill aig Àrd-Sheannadh Eaglais na h-Alba beachdachadh am bu chòir do dhaoine ann am pòsaidhean gèidh cead fhaighinn a bhith nam ministearan.

Chun an seo, chan eil an eaglais ach air daoine ann an com-pàirteachasan sìobhalta a dheasbad gu foirmeil.

Dh'iarr an Àrd-Sheannadh air clèirean bhòtadh an-uiridh faic am bu chòir do dhaoine ann an com-pàirteachasan sìobhalta cead fhaighinn a bhith nam ministearan.

Bhòt a' mhòr-chuid de chlèirean an cead a thoirt dhaibh.

Aithisg Shònraichte

Aig Àrd-Sheannadh na bliadhna seo, thèid iarraidh air buill bhòtadh faic am bu chòir dha sin a bhith air a dhèanamh na phàirt de lagh na h-Eaglaise.

Tha cuspair eile gu bhith air aire dhaoine ge-tà - 's e sin am bu choir daoine ann am pòsaidhean gèidh ceadh fhaighinn 'son a bhith nam ministearan ann an Eaglais na h-Alba.

Chaidh pòsaidhean den leithid a dhèanamh laghail le Righaltas na h-Alba an-uiridh.

Thèid aithisg shònraichte air a' chùis a chur fa chomhair bhall, agus tha e a' dèanamh soilleir nan diofar roghainnean a tha ron eaglais nam biodh iad airson ministearan ann am pòsaidhean gèidh a cheadachadh.

Tha an aithisg cuideachd a' dèanamh soilleir dè an t-seòrsa suidheachadh anns am biodh an eaglais mura toireadh iad an cead seo seachad.

Tha an eaglais airson a dhèanamh soilleir gu bheil iad a' bruidhinn an seo mu dheidhinn na ministearan aca fhèin a-mhàin

Tha iad ag radh nach eil iad a' beachdachadh ann an dòigh sam bith air cead a thoirt do mhinistearan a bhith os cionn sheirbheisean pòsaidh aona-ghnèitheach.

Thèid cùis nan com-pàirteachasan sìobhalta, agus pòsaidhean gèidh a dheasbad aig Àrd-Sheannadh na bliadhna seo ann an Dùn Èideann, an ceann beagan sheachdainnean.