Pàirt de mheadhan Inbhir Nis a' fosgladh

Teine Image copyright Paul Campbell
Image caption 'S e fear de na togalaichean as sine ann am meadhan a' bhaile a chaidh na smàl.

Fosglaidh pàirt de mheadhan Inbhir Nis a-rithist Dimàirt, às dèidh do chuid de rathaidean a bhith air an dùnadh ri linn teine mòr air Sràid na h-Acadamaidh Oidhche Chiadain a chaidh.

Tha cuid de sheirbhisean bus a-nis air tòiseachadh às ùr air Sràid an Aonaidh, le gearradh ann an cosgaisean parcaidh faisg air làimh cuideachd.

Mhill an teine uachdar an togalaich, a chaidh a thogail san 18mh Linn.

Tha e air na ballachan a dhèanamh cugallach, agus tha sgafallachd an-àirde a-nis gus an cumail nan seasamh.

Bha suas ri 50 smàladair an sàs ann a bhith a' mùchadh an teine, agus bha sgiobannan an làthair thar deireadh na seachdaine, ri linn 's gun robh e a' gabhail a-rithist bho àm gu àm.