Rannsachadh poblach mu thuath-gaoithe

Crann-gaoithe
Image caption Tha muinntir na sgìre ag ràdh gun toireadh am pròiseact cosnadh do dhaoine.

Tha coimhearsnachd ann an Dùthaich MhicAoidh air iarraidh air Riaghaltas na h-Alba aire a thoirt do bheachdan an t-sluaigh, agus rannsachadh poblach a' tòiseachadh air am bu chòir tuath-gaoithe mòr a stèidheachadh san sgìre.

Tha comhairle coimhearsnachd a' Bhlàrain Odhair, Shrath Nabhair, agus Allt na h-Eiribhe, cuide ri comhairle coimearsnachd Shrathaidh agus Armadail a' cur taic ri planaichean SSE airson faisg air dà fhichead crann a chur an-àirde.

Tha a' chompanaidh SSE airson 39 crainn a thogail air mòintich shònraichte.

Tha am Flow Country ga meas mar thè de na sgìrean "fiadhaich" mu dheireadh ann am Breatainn.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd, Dualchas Nàdair na h-Alba agus Comann Rìoghail Dìon nan Eun na aghaidh.

Ach tha muinntir an àite den bheachd gun toireadh am pròiseact togail mòr do dh'eaconamaidh na sgìre agus gum faigheadh muinntir na sgìre cosnadh às.

An t-seachdain seo, cumiadh Riaghaltas na h-Alba rannsachadh poblach air a' chùis.

Dh'iarr Seumas MacIain a tha na rùnaire air comhairle coimhearsnachd a' Bhlàrain Odhair agus Shrath Nabhair gun èisteadh an Riaghaltas ri beachdan dhaoine air gach taobh.