Rannsachadh tubaist bhàsmhoir ga iarraidh

Tha luchd-dàimh an teaghlaich a chaill am beatha san stoirm ann an Uibhist san Fhaoilleach 2005 ag iarraidh rannsachadh tubaist bhàsmhoir mu na dh'èirich dhaibh.
Thug Dàibhidh Mac a' Phearsain, a chaill a mhac agus a dhithis oghaichean, slaic cuideachd air mar a cho-dhùin Comhairle nan Eilean Siar an t-seachdain seo gun a dhol air adhart le obair gus beàrn a bharrachd fhosgladh ann an cabhsair na Fadhla a Deas, ach obair a dhèanamh air coileagan air Eilean a' Ghualainn, a tha an iar air a' chabhsair, an àite sin.
"Thug a' Chomhairle leithid de dh'ùine air a h-uile sìan a dhèanamh," thuirt Mgr Mac a' Phearsain.
"Agus bha iad an uair sin, an suirbheidh a bha seo a bha iad a' dèanamh air an fhadhail, cha rachadh sìan air n-aghaidh gum biodh sin seachad, 's thug iad ùine mhòr mhòr air sin.
1984
"Ach tha còrr math is dà bhliadhna on a fhuair iad fiosrachadh air sin, agus thug iad còrr is bliadhna mus do dh'innis iad dhan t-sluagh dè an toradh a fhuair iad às an t-suirbheidh a bha sin.
"Chan eil e a' cur iongnadh sam bith oirnne nach eil iad a' cur fosgladh anns a' chabhsair.
"Tha sinne ag iarraidh fosgladh sa chabhsair - 's mar sin chan eil a' Chomhairle airson a thoirt seachad.
"Chan eil sinne ag iarraidh a' Ghualainn a dhèanamh suas an-dràsta, o chionn cha dèan e air falbh leis a' chiad tuil. Ach air sàilleabh nach eil sinne airson sin a dhèanamh, tha iadsan airson a dhèanamh.
"Ma bheir iad cho fada e 's an gealladh mu dheireadh a thug iad dhuinn. Gheall iad dhomhsa ann an coinneimh a bh' againn ann an 1984, gun dèanadh iad an rathad suas, agus mar a rinn iad an ceann 25 bliadhna às a dhèidh sin, às dèidh na tubaiste.
"Ach nam biodh iadsan air an obair a bha sin a dhèanamh nuair a gheall iad, bhiodh mo theaghlach agamsa an-diugh, agus Calum bochd e fhèin beò an-diugh," thuirt e.
Thuirt labhraiche bho Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil iad air làn-taic a chur ri Neach-Casaid a' Chrùin, le fiosrachadh airson aithisg air a' chùis.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad air obrachadh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus buidhnean eile air ath-sgrùdadh mara airson na Fadhla a Deas, 's gu bheil grunn roghainnean sa phlana dìon bho thuiltean aca.
Thuirt iad gun deach na roghainnean sin a mhìneachadh aig a' choinneimh de Chomataidh na Còmhdhail 's a Bhun-Structar an t-seachdain seo, agus gum biodh cuid dhiubh feumach air mòran airgid a bharrachd bhon Riaghaltas.