Leasachadh an Òbain ceum nas fhaisge

An Cidhe a Tuath Image copyright David Dixon / Geograph
Image caption Thathas an dùil leasachadh a dhèanamh air a' Chidhe a Tuath.

Ghluais planaichean gus ath-bheòthachadh a dhèanamh air meadhan an Òbain air adhart is comhairlichean ionadail a' moladh gu h-aona-ghuthach gun cosg Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid £500,000 air a' Chidhe a Tuath.

Chaidh an gnothach air beulaibh Comataidh an Òbain, Latharna is nan Eilean an t-seachdain seo.

Nì eòlaichean sgrùdadh a-nise air a' chidhe is air na bu chòir a bhith an lùib an leasachaidh.

Plana deireannach

Thèid beachdan a shireadh air na molaidhean an uair sin, le dùil gum biodh plana deireannach air a thaghadh ro dheireadh na bliadhna.

Tha planaichean gus an sgìre timcheall air a' chidhe a leasachadh mar thà aig ìre adhartaich.

Thòisich obair mar thà air Sràid Stafford a leasachadh is tha a' Chomataidh cuideachd air moladh gun aontaich a' Chomhairle £3m a chur air adhart 'son an tuilleadh leasachaidh air Ceàrnag an Stèisein, Sràid Sheòrais is Queen's Park Place.

Thèid £45,000 a chosg cuideachd air sgrùdadh air goireasan pontùn a stèidheachadh do dh'iachtaichean.

Thuirt Cathraiche na Comataidh, an Comh. Ruairidh MacCuthais, gur e cothrom air leth a tha seo dhan bhaile is gur e toiseach-tòiseachaidh cudromach a bhiodh anns na goireasan pontoon.

Cothrom

"Chan eil coltas air £45,000 gur e suim ro mhòr a th' ann ach bheir e cothrom dhuinn coimhead ri goireasan a stèidheachadh do mhuinntir nan iachtaichean gus an tèid aca air tighinn air tìr.

"Bhiodhmaid an dòchas gum biodh sin deiseil ann an 2016.

"Tha cliù aig an Òban mar àite air leth do mhuinntir nan iachtaichean, ach gu mì-fhortanach cha robh goireasan mar seo againn roimhe.

"S e toiseach-tòiseachaidh a tha seo a dh'ionnsaigh ghoireasan tòrr mòr nas fheàrr", thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile