Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Karen Buckley

Thèid duine mu choinneimh na Cùirte an dèidh do phoilis a bha a' coimhead airson an oileanaich Karen Buckley corp fhaighinn air tuathanas faisg air Muileann Dhàibhidh, tuath air Glaschu. Chaidh Karen, a bha 24, 's a bhuineadh do Chorcaigh ann am Poblachd na h-Èireann, a dhìth air an deireadh-sheachdain. Tha dùil ri fear a tha 21, ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Glaschu a-màireach.

Iomairt an Taghaidh

Bidh gealltanas aig Dàibhidh Camshron an-diugh air tuilleadh chumhachdan do Holyrood 's e ann an Dùn Èideann a' foillseachadh manifesto Albannach nan Tòraidhean. An àiteachan eile ann an iomairt an taghaidh tha John Swinney ag innse mu phlanaichean an SNP airson cosnadh a chruthachadh. Tha na Libearalaich Dheamocratach ann an Inbhir Nis 's iad ag ràdh nach eil guth aig an SNP air na sgìrean iomallach. Agus tha Ceannard nan Làbarach an Alba, Jim Murphy, a' tadhail air Hamaltan, le gealltanas air £1bn airson cuideachadh do dhaoine òga.

Teine an Inbhir Nis

Thòisich rannsachadh mu theine mòr ann am meadhan Inbhir Nis an-raoir. Tha na h-uimhir de rathaidean, Sràid na h-Acadamaidh nam measg, dùinte. Cha deach duine a ghoirteachadh, ach rinn an teine milleadh air an togalach anns an robh bùth M&Co. Tha poilis ag iarraidh air daoine an sgìre sin den bhaile a sheachnadh, agus coltas ann gum bi e dùinte a' chiad ghreis den là.

Malaysia Airlines

Thuirt na trì dùthchannan a tha an sàs san rannsachadh airson an itealain aig Malaysia Airlines a tha a dhìth sa Chuan Innseannach gun dùblaich iad an sgìre sa bheil iad a' coimhead mura faigh iad dad ro dheireadh na mìos seo. Chan eil sgeul air a' phlèana MH370 a chaidh a dhìth bho chionn còrr is bliadhna.

Diageo

Thuirt Diageo, a' chompanaidh as motha ann an gnìomhachas na dibhe, gun robh lùghdachadh beag, fo 1%, air na reic iad air a' chiad thrì mìosan den bhliadhna. Thuirt a' chompanaidh nach eil iad a' faicinn buannachd sam bith fhathast às an ath-bheothachadh eaconamach.

An Taigh-Tasgaidh Nàiseanta

Tha luchd-obrach aig Taigh-Tasgaidh Nàieanta na h-Alba a' dol air stailc an-diugh, agus fad an là a-màireach. Thuirt an t-aonadh PCU gu bheil eas-aonta air a bhith ann bho chionn fhada mu phàigheadh, agus gum faodadh gun tig air an togalach ann an Dùn Èideann dùnadh fhad 's a tha stailc ann.