Comhairle draghail mu mholaidhean rèisg

Mòinteach
Image caption Tha oifigich na Comhairle ag ràdh nach eil an clàr a dh'fhoillsich SNH idir soilleir air crìochan nan sgìrean, a thuilleadh air fiosrachadh eile.

Tha oifigich Chomhairle nan Eilean Siar ag iarraidh air Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) mìneachadh na tha nam beachd a thaobh mhòintichean na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha SNH air clàr fhoillseachadh a tha a' cur a-mach sgrìoban mòra rèisg a tha iad ag iarraidh a dhìon, le fiosrachadh leithid na th' ann de riasg, na h-ainmhidhean a tha a' tighinn beò ann an diofar sgìrean de mhòintich, agus far a bheil an riasg aig doimhne shònraichte.

Chuir a' bhuidheann co-chomhairleachadh air chois mun chlàr, 's iad an dòchas gun treòirich an clàr leasachadh san àm ri teachd, gu h-àraid a thaobh thuathan-gaoithe.

Tha mòran de na sgìrean sin anns na h-Eileanan Siar, agus tha dragh ann gum faodadh e stad a chur air leasachadh agus fiù 's buain na mònadh.

Tha oifigich Chomhairle nan Eilean Siar ag ràdh nach eil crìochan a' chlàir soilleir, agus nach eil e a' sealltainn gu soilleir dè na h-àiteachan a tha luachmhor a thaobh na th' ann de riasg agus ainmhidhean, no fiù 's dè na h-ainmhidhean a th' annta.

Tha iad cuideachd a' ceasnachadh beachd SNH gu bheil doimhne shònraichte ann an riasg sam bith nas doimhne na 18" (50cm).

Tha na h-oifigich cuideachd ag ràdh nach fhaod leithid de chlàr ciallachadh gum bi cuid de sgìrean ann anns nach gabh leasachadh sam bith a dhèanamh no a chur air adhart.

Ma thèid gabhail ris na molaidhean, chuireadh e stad air buain mònadh, obair leithid faingean no rathaidean a dhèanamh, no leasachadh ath-shìolachaidh a chur feòir an àite fraoich.

Bhiodh buaidh nas motha aige air tuathan-gaoithe, le dùil gun cuireadh e stad orra sin buileach glan.