Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Tha am Pàrtaidh Làbarach a' cur na h-eaconamaidh aig meadhan am manifesto airson na Rìoghachd Aonaichte air fad, a tha iad a' foillseachadh an-diugh ann am Manchester. Canaidh Ed Miliband gum bi na Làbaraich cùramach mun eaconamaidh. Tha na Tòraidhean ag ràdh ge-tà nach eil plana mionaideach aig Mgr Miliband.

Tha ceannardan nam prìomh phàrtaidhean an Alba iad fhèin a' bruidhinn air an eaconamaidh an-diugh. Bidh Willie Rennie aig na Libearalaich Dheamocratach ag innse mu phlana airson ionmhas a chothromachadh ro 2018. Tha Ruth Davidson a' toirt teachdaireachd eaconamaich nan Tòraidhean an Alba a Dhùn Èideann. Bheir an Ceannard Làbarach, Jim Murphy, slaic air an SNP airson a bhith ag iarraidh làn-smachd air cìsean. Agus bidh Nicola Sturgeon, Ceannard an SNP, ag innse mun taic a bheireadh iad do luchd-gnothaich.

Faslann

Tha na ceudan de luchd-iomairt a' togail fianais an aghaidh Trident aig ionad Faslann air Chluaidh. Tha iad ag iarraidh air an ath-Riaghaltas cur às dhan armachd niuclasaich a tha stèidhichte aig Faslann.

Taigh-smocaidh

Tha dragh ann gun caill seachdnar an obair aig a' chompanaidh smocaidh bhradain Loch Duart ann an Uibhist a Deas. Chaidh innse dhan luchd-obrach ann an Loch a' Chàrnain gun caill iad an obair nuair a thèid an stoc a th' air fhàgail ann a reic mura ceannaich cuideigin an t-ionad. Thuirt Loch Duart gu bheil iad a' dèanamh oidhirp an gnìomhachas a chumail anns a' choimhearsnachd.

Ìre na Dibhe

Tha sgrùdadh ùr ag ràdh gu bheil ìsleachadh na h-ìre dibhe a tha ceadaichte airson dràibheadh a' toirt buaidh air gnìomhachas. Tha an aithris bho Bhanca na h-Alba ag ràdh gu bheil taighean-bìdhe agus taighean-sèinnse a' faicinn nas lugha de chosg-airgid an dèidh an lagha ùir a thàinig gu bith san Dùbhlachd.

Alba Nuadh

Thòisich iomairt anns a' choimhearsnachd Ghàidhlig an Albainn Nuaidh an dèidh do dhithis de chòignear an obair a chall ann an Oifis nan Iomairtean Gàidhlig an sin. Chaill Catriona Parsons agus Pauline NicDhòmhnaill an cosnadh le gearraidhean farsainn a tha an Riaghaltas a' cur an sàs. Chuir luchd-iomairt ath-chuinge air bhonn a' gearain mu dheidhinn sin.