Comhairle do dh'Eileanaich mu Noro-bhìoras

Noro-bhìoras
Image caption Tha am bhìoras gu math gabhaltach, agus tha e glè fhurasta a thoirt seachad do dhaoine a tha tinn mar thà.

Tha NHS nan Eilean Siar air comhairle a thoirt do dhaoine a bhios a' tadhail air cairdean san ospadal, agus Noro-bhìoras a' fàs nas cumanta air feadh na h-Alba.

Thathas ag iarraidh air a' phoball a bhith air am faiceall gus nach cuidich iad leis a' ghalar sgapadh gun fhiosta dhaibh.

Tha an tinneas gu math gabhaltach, agus tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a-nis air comhairle fhoillseachadh don phoball, ag innse mu na bu chòir a dhèanamh - agus nach bu chòir a dhèanamh - agus iad a' tadhail air càirdean san ospadal.

'S e a' chiad chomharra gu bheil e air duine, gu bheil iad a' faireachdainn tinn, le dìobhairt làidir agus a' bhuinneach às a dhèidh.

Mairidh seo là no dhà mar as trice, ach nas fhaide ann an seann daoine.

Thathas nas dualtaiche a toirt seachad taobh a-staigh dà fhichead uair agus a h-ochd an dèidh dha na comharraidhean falbh - gu h-àraid do dhaoine a tha tinn mar thà.

Thathas ag iarraidh gu sònraichte mar sin, air daoine a thadhlas air dachannan-cùraim agus ospadail sna h-Eileanan Siar, an làmhan a ghlanadh gu h-iomlan - gu h-àraid an dèidh a dhol dhan taigh-bheag.

Thathas cuideachd ag iarraidh orra gun a bhith a' roinn shearbhadairean, bruisean fiaclan agus flanailean le càch; an dachannan a chumail glan, agus a bhith a' glanadh meas agus glasraich gu math mus ithear iad.