Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iomairt an Taghaidh

Tha Ceannard nan Làbarach, Ed Miliband, ann an Dùn Èideann an-diugh 's e a' toirt slaic air plana an SNP airson làn-smachd air ionmhas do dh'Alba. Tha na Libearalaich Dheamocratach iad fhèin a' càineadh an SNP airson a bhith ag iarraidh làn-smachd air cìsean agus cosgais. Tha an SNP a' toirt dùbhlan dha na Làbaraich a' cheart uimhir a chosg air an NHS 's a tha iadsan, agus tha aire nan Tòraidhean air seirbheis fòn-làimhe nas fheàrr dha na sgìrean iomallach.

Stailc adhair na Frainge

Tha na mìltean mòra de luchd-siubhail fhathast fo bhuaidh stailc luchd-iùil aig puirt-adhair na Frainge a thàinig gu crìch anns a' mhadainn an-diugh. Tha Easyjet a' cur còig seirbheisean air dòigh an-diugh a dh'aona-ghnothaich airson daoine a thoirt air ais a Bhreatainn. Mhair an stailc dà là, agus tha dùil ri stailc eile an ath-sheachdain.

Dementia

Thuirt luchd-saidheans a bha a' rannsachadh ceancail eadar reamhrachd agus dementia gun do chuir e iongnadh orra gun d' fhuair iad a-mach nach eil daoine aig meadhan aois agus nas sine a tha ro reamhar cho buailteach idir fulang le dementia. Thàinig an sgrùdadh air cha-mhòr 2,000,000 duine dhan cho-dhùnadh gu bheil feadhainn a tha caol nas buailtiche fulang.

Falaisgear

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' strì ri falaisgear mhòr a sgap faisg air Dòrnach ann an Cataibh feasgar an-dè. Tha sia einnsinn-smàlaidh fhathast air an làraich faisg air ionad-giollachd uisge.

Cuba

Tha Roinn Stàite nan Stàitean Aonaichte a' moladh Cuba a thoirt far na liosta aca de dhùthchannan a tha a' cur taic ri ceannairc. Coinnichidh an Ceann-Suidhe Obama, agus Ceann-Suidhe Chuba Raoul Castro, ann am Panama a-màireach - a' chiad choinneamh de a seòrsa bho chionn 60 bliadhna.

Richie Benaud

Tha Prìomhaire Astràilia, Tony Abbott, am measg na rinn luaidh air a' chriogadair agus craoladair ainmeil Richie Benaud, a chaochail an-raoir. Bha e 84. Chaidh tiodhlacadh stàite a thabhann air a theaghlach.