Uisge-beatha Gu Leòr!

Uisge-beatha
Image caption Thèid an dealbh-cluiche air chuairt air feadh na h-Alba, agus an sgeulachd a' nochdadh sa Ghàidhlig airson a' chiad uair.

Thèid dreach Gàidhlig den nobhail ainmeil Whisky Galore air an àrd-ùrlar 'son a' chiad uair oidhche Haoine.

Stèidhichte air Eilean Thodaigh nuair a tha soitheach le 50,000 bogsa de dh'uisge-bheatha a' dol air na creagan, bidh Uisge-Beatha Gu Leòr, air a chur dhan Ghàidhlig le Iain Fionnlagh MacLeòid, ri fhaicinn air feadh na dùthcha.

"Tha buidheann aig Tèatair Nàiseanta na h-Alba a bhios a' coimhead ri nobhailean Gàidhlig, agus àiteachan eile 's mathaid far am faodadh sibh lorg stuthan airson dealbhan-cluiche a dhèanamh," thuirt Mgr MacLeòid.

"Agus bha iad cuideachd a' coimhead ri nobhailean clasaigeach Albannach.

Beurla

"'S ged a tha an nobhail seo ann am Beurla, bhiodh na caractairean a' bruidhinn Gàidhlig.

"Bha sinne a' smaoineachadh gur e rud uabhasach math a bhiodh ann. 'S e pìos obrach uabhasach ainmeil a th' ann 's tha tòrr ghaoil aig daoine air, 's chan fhaca sinn fhathast e ann an Gàidhlig.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach na sgeulachdan seo a dhèanamh anns a' chànan againn fhìn," thuirt e.

Tha tomhais den chòmhradh san dealbh-chluich air a chumail sa Bheurla ge-tà.

"Tha dà charactar aig a bheil Beurla: Sgt Odd, a th' airson Peigi a phòsadh, agus tha cuideachd pàirt beag eile aig Major Quibley. Oh agus tha cuideachd fear na cuspainn, tha esan à Obar Dheathain," thuirt e.

Rud beag eadar-dhealaichte

Tha an dealbh-cluich gu bhith a' nochdadh cha-mhòr anns a' h-uile pàirt de dh'Alba.

"Tha sinn a' tòiseachadh ann an Sròn an t-Sìthein, agus às dèidh Ghlaschu 's Dùn Èideann tha sinn a' dol dha na h-Eileanan - Èirisgeigh, 's Barraigh, an t-Eilean Sgitheanach 's Leòdhas - 's fiù 's a-null a dh'Obar Dheathain cuideachd," thuirt e.

"Tha tòrr a bharrachd àiteachan na sin ann, ach tha e a' sealltainn dhut meudachd na cuairt a tha iad a' dèanamh," thuirt e.

Chan ann buileach san aon dreach a tha an dealbh-cluiche seo agus an sgeulachd fhèin.

"Tha e a' gabhail àite san là an-diugh, ann am pub an Cabinet Minister air Eilean Thodaigh. Agus mar sin tha sinn, fhios agad, air tighinn thuige bho dhòigh rud beag eadar-dhealaichte," thuirt e.

Bidh an dealbh-cluich ri fhaicinn 'son a' chiad uair oidhche Haoine (10mh) aig 7:30f ann an Ionad Shuaineart, ann an Sròn an t-Sìthein.