Sianar an grèim an Omhaich

Chaidh sianar fhireannach a chur an grèim an dèidh aithrisean gun robh buaireadh a' dol ann am baile beag Omhaich san Eilean Dubh oidhche Chiadain.

Thuirt na Poilis gun deach oifigearan a ghairm chun an tachartais air Sràid na Drochaid mu 10:00f.

Thuirt labhraiche do Phoilis na h-Alba: "Mar thoradh air seo, chaidh oifigearan chun an àite, agus chaidh sianar fhireannach a chur an grèim, 's iad a-niste gus nochdadh sa chùirt Diardaoin".

Thug na Poilis taing do bhuill den phoball a thug cuideachadh dhaibh ann a bhith a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh.