Iomairt Ospadal Phort Rìgh a' leantainn
- Air fhoillseachadh

Tha còrr is 1000 duine air an ainm a chuir ri athchuinge a tha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba Ospadal Phort Rìgh a ghlèidheadh 's gun ach beagan làithean ann bho thòisich e.
'S e a' bhuidheann-iomairt NHS SOS a thòisich an athchuinge agus iad dhen bheachd gun do rinn NHS na Gàidhealtachd mearachd ann a bhith a' moladh Ospadal Phort Rìgh a dhèanamh na ionad meidigeach gun leapannan.
Chailleadh an ceann a tuath cuideachd goireasan èiginn 's ospadal ùr gu bhith air a thogail anns an Ath Leathann.
Tha luchd-iomairt a tha a' strì airson seirbheisean ann an ceann a tuath an eilein a dhìon ag ràdh gum faodadh an t-atharrachadh beatha dhaoine a chuir ann an cunnart.
Co-dhùnadh dèanta?
Thuirt Neilian Mhoireach bhon bhuidhinn-iomairt nach eil iad idir a' gabhail ris gu bheil an gnothach seachad, ged a cho-dhùin Comhairle Mheidigeach na h-Alba gu robh pròiseas NHS na Gàidhealtachd cothromach 's laghail.
Chaidh cead cuideachd a thoirt seachad le Rùnaire na Slàinte, Shona Robison.
Tha an luchd-iomairt ag ràdh nach ann idir a' feuchainn ri seirbheisean slàinte a thoirt air falbh bho mhuinntir cheann a deas an Eilein Sgitheanaich a tha iad.
"Chan eil sinn ag iarraidh seirbheisean sam bith a thoirt air falbh bho mhuinntir cheann a deas an eilein, tha sinn làn chinnteach gu bheil iad-san a' cheart cho feumach 's a' cheart cho airidh air seirbheisean slàinte 's a tha sinne. 'S e a tha sinn a' coimhead air a shon ach seirbheis slàinte a bhios freagarrach agus iomchaidh dha muinntir an eilein agus ceann a deas Rois gu lèir" thuirt Neilian Mhoireach.
Tha a' bhuidheann-iomairt cuideachd a' sireadh chomhairle mu ath-bhreithneachadh laghail mun dòigh anns an deach a' chùis a làimhseachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 13 Am Màrt 2015
- 13 An Lùnastal 2014