Stailc aig puirt-adhair na Gàidhealtachd snan Eilean
- Air fhoillseachadh

Tha luchd-obrach-tèarainteachd aig 11 de phuirt-adhair roinneal na h-Alba air stailc mu phàigheadh agus cùmhnantan obrach.
Thòisich an stailc aig 1200 Dimàirt agus mairidh i 48 uairean a thìde.
Thuirt Puirt-adhair na Gàidhealtachd snan Eilean, a' chompanaidh phoblach leis a bheil na puirt-adhair, gum bi cùisean a' ruith mar is àbhaist, ach a mhàin aig Port-adhair Dhùn Dè a bhios dùinte.
Dh'iarr HIAL air luchd-siubhail a bhith aig na puirt-adhair eadar 15 - 20 mionaid na bu thràithe na'n àbhaist agus gun cus bhagannan a thoirt leotha.
Tha an t-aonadh Prospect a' sireadh àrdachadh pàighidh de 5% dhan luchd-obrach.
Tha iad airson 's gum bi iad air an aon thuarastal 's a tha luchd-obrach Port-adhair Shumburgh ann an Sealtainn, a tha air tuarastal nas àrda.
Thuirt HIAL nach robh àrdachadh de 5% practaigeach agus gu robh tuarastail nas àrda ga thoirt seachad dha luchd-obrach ann an Sealtainn leis gu robh cosgaisean bith-beò agus tuarastail nas àrda ann an sin san fharsaingeachd.
Tha Cathraiche Comataidh Comhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Iain MacAoidh, ag ràdh gum faodadh an stailc buaidh a thoirt air eaconamaidh nan eilean.
"Bheir i buaidh air tòrr ghnothachasan agus bheir i buaidh air a' bhòrd shlàinte leis mar a tha iad a' cur euslaintich a dh'Inbhir Nis, a Ghlaschu, a Dhùn Èideann agus gu ospadalan eile," thuirt e.
Thug Prospect rabhadh gu faodadh stailcean eile a bhith air a ghairm mur a tèid a'chùis a rèiteachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 30 Am Màrt 2015
- 27 An Gearran 2015