Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Peinnsean

Thainig atharrachadh mòr air siostam nam peinnsean an-diugh. Tha cead a-niste aig duine a tha nas seana na leth-cheud sa còig cnap airgid a thoirt a-mach à stòras a' pheinnsein seach a bhith ga tharraing mar shuim a h-uile bliadhna. Bi a' chiad chairteal den airgead sin saor bho chìsean. Tha dragh ann, ge-ta, gun gabh feadhainn brath air an t-siostam ùr agus gun cosg iad an stòras peinnsean gu lèir.

Tubaist itealain

Tha rannsachadh a' dol air adhart fhathast mu bhàs dithis nuair a thuit itealan beag faisg air an Òban Disathairne. Bha am plèana Piper Cherokee air a slighe eadar Dùn Dè agus Tiriodh. Chaidh an dithis ainmeachadh gu h-ionadail mar Dhaibhidh Rous agus a' bhean Mairead Anna, a bhoineadh do Thiriodh.

UKIP

Tha comhairliche Tòraidh a bha a' seasamh dhan phàrtaidh san taghadh choitcheann, air gluasad gu UKIP. Bha Mike Whitehead a' seasamh ann an roinn pàrlamaid Hull West agus Hessle air taobh sear Yorkshire. Thuirt e gu bheil e searbh de dhol a-mach na buidhne Toraidh a tha a' riaghladh air Comhairle East Riding. Thuirt na Tòraidhean an-diugh ge-ta, gun do chuir iad Mgr Whitehead a-mach às a' phàrtaidh mus do dh'inns e gu robh e ga'm fàgail.

SNP

Thuirt an SNP nach eil iad a' creidsinn idir gur e mearachd a bu choireach gun deach memo, meòrachan, a sgaoileadh gun chead a tha a' cumail a-mach gum b'fheàrr le Nicola Sturgeon nam fuiricheadh Daibhidh Camshron mar phrìomh mhinistear. Chaidh dearbhadh na bu tràithe an-diugh gur ann bho thaobh a-staigh Oifis na h-Alba a thàinig am meòrachan.

Bochdainn connaidh

Tha buidhnean poblach air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan a' foillseachadh 'manifesto' air bochdainn connaidh an-diugh 's iad airson gum faigh iad taic bho gach tagraiche a tha a' seasamh san taghadh choitcheann san sgìre. Se caidreachas de bhuidhnean taigheadais a tha a' dèanamh seo agus iad ag ràdh gu bheil iad ag amas air prìsean son connadh dachaidh a chothromachadh air feadh na dùthcha.

Stailc

Thàinig rabhadh bhon aonadh Prospect gu faodadh luchd-obrach-tearainteachd aig puirt adhar na Gaidhealtachd snan Eilean stailc dà latha eile a ghairm, a bharrachd air an stailc dà latha a tha a' toiseachadh a-màireach. Dh'fhailich air còmhraidhean an t-seachdainn seo chaidh aonta a dhèanamh mu phàigheadh agus cùmhnantan obrach. Dh'iarr HIAL air luchd-siubhail a bhith aig na puirt-adhair ann an ùine gu leòr agus mas urrainn dhaibh idir gun cus bhagannan a thoirt leotha.