Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Giblean 2015 Ùraichte aig Ùraichte aig

Deasbad

Tha na ceannardan poileataiceach air ais air iomairt an taghaidh an-diugh às dèidh prògram telebhisein na h-oidhche a-raoir. Thuirt ITV gun choimhead 7m duine an seachdnar cheannard a' deasbad diofar chuspairean mar an NHS, an eaconomaidh, gearraidhean agus inimreachd.

Iomairt an taghaidh

Ann an iomairt an taghaidh ann an Alba an-diugh, iarraidh ceannard Albannach nan Làbarach, Jim Murphy, air daoine an ainm a chur ri ath-chuinge an aghaidh chùmhnantan-obrach gun uairean cinnteach. Tha an ceannard Tòraidh, Ruth Davidson, gu bhith ag innse carson na beachd-se nach eil cothrom aig ach dà phàrtaidh anns an taghadh choitcheann. Canaidh Nicola Sturgeon gun dèan plana an SNP an aghaidh ghearraidhean feum mor dhan NHS agus bidh Alasdair MacIlleMhìcheil a' moladh phoileasaidh Lib Deamach air cìs teachd-a-steach.

Ioran

Thuirt an Ceann-suidhe Obama gum bi an soaghal gu math nas sàbhailte le aonta mu phrògram niuclasach Ioran. Fon aonta, an dèidh lathaichean de chòmhradh anns an Eilbhis, thèid casg-bhannan air Ioran a thogail cho fad 's gun geàrr Ioran air ais air na tha i a' glanadh de dh'uranium.

Ceinia

Bha càirdean a' tadhal an-diugh air an oilthigh ann an ceann a tuath Cheinia far an deach faisg air 150 duine a mharbhadh an-dè, nuair a thug ceannaircich al-Shabaab à Somalia ionnsaigh air oileanaich Chrìosdaidh. Thuirt Ceann-suidhe Somalia an-diugh gum feum iad fhèin agus Ceinia barrachd a dhèanamh còmhla airson stad a chur air ceannairc.

Oighreachd nam Bàgh

Dh'iarr uachdaran Oighreachd nam Bàgh anns na Hearadh air a' choimhearsnachd coimhead ri co-obrachadh air leasachadh seach an oighreachd a cheannach buileach glan. Thuirt an teaghlach Hitchcock nach eil iad ro dheònach am fearann a reic. Tha a' choimhearsnachd a' tomhas an-dràsda an fhiach agus an urrainn dhaibh an oighreachd a cheannach.

Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gum bi buidheann thar-phartaidh de chomhairlichean agus riochdairean aonaidh os cionn ghearraidhean agus sàbhaladh airgid airson an ath chòig bliadhna. Tha a' chomhairle ag amas air còrr is £37m a chaomhnadh anns an ùine sin. Tha buill SNP air a' Chomhairle teagmhach an gabh na h-aonaidhean pàirt anns a' phroiseas agus an dèan a' bhuidheann ùr seo mòran diofar air a' cheann-thall.